Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dithis le ceangal ri Eilean Phabaigh

Sgeulachdan mu uisge-beatha agus eile bho dhithis aig a bheil ceangal ri Eilean Phabaigh. Stories about illict whisky-making on the island of Pabay are among the topics covered.

Tha ceangal aig an dithis a chluinneas sibh an-diugh ri Eilean Phabaigh.

B’ ann ann an 1988 a chlàr Ceitidh Anna NicChoinnich còmhradh ri Niall Dòmhnallach, Niall Dhòmhnaill Nèill às an Taobh Tuath ‘s na Hearadh, le buinteanas ri Pabaigh air taobh a’ mhàthair. B’ ise Ciorstag NicIllEathain, nighean Dhòmhnaill Phabaich a bha fuireach ann am baile an Taobh Tuath agus a bha pòsta aig Dòmhnall Nèill à Plocrapol. B’ e Niall a rugadh ann an 1907 am fear bu shine de naoinear a theaghlach.

An dèidh na Hearadh fhàgail aig aois bliadhna thar fhichead 's ann gu muir a chaidh e. Bha ùidh mhòr aige ann an dualchas agus eachdraidh na h-Alba fad a bheatha ‘ s chuir e seachad bliadhnaichean mòr ann an Inbhir Nis ag obair do dh’Urras Nàiseanta na h-Alba a’ coimhead às dèidh Raon Chùil Lodair.

B’ e Niall Moireasdan, bàrd Phabaigh no Bàrd Clèite na Duthcha sìn-sheanair, Iain Dòmhnallach à Losgaintir. B’ ann ann an Sgarasta a rugadh Iain, b’ e a b’ òige de cheathrar a theaghlach.

Bha beartas de stòraidhean agus naidheachdan mu Eilean Phabaigh ri chluinntinn anns an dachaigh nuair bha Iain ag èirigh suas. Cha b’ e mhàin gun robh bàrd Phabaigh na chìobair ann fad bhliadhnaichean, ach bha dithis de bhràithrean athair Iain ann cuideachd airson còrr agus deich bliadhna fichead. Balaich bheag Chleite na Duthcha a chanadh iad riutha, Dòmhnall agus Ruairidh.

A rèir beul-aithris, b' ann a chionns gu robh iad a’ dèanamh uisge-beatha gu mì-laghail a chaidh na daoine a chur à Eilean Phabaigh. Bha an eachdraidh aig Iain do Chatrìona Dhòmhnallach à Drinisiadair ann an 1998 nuair a chaidh i air chèilidh.

30 minutes

Broadcasts

  • Thu 1 Oct 2020 12:00
  • Thu 1 Oct 2020 22:00
  • Sun 4 Oct 2020 09:30