Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1113
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1113. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 18 Nov 2020
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 809
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1113
Duration: 05:00
Litir 1113: Smeòrach Chlann Dòmhnaill (1)
Cho binn ri smeòrach air geug. An cuala sibh an samhladh sin riamh? Cho binn ri smeòrach air geug. As melodious as a song thrush on a branch. Tha m’ aire air an smeòraich anns an Litir seo, oir tha i a’ nochdadh ann am bà rdachd. Bu mhath leam sùil a thoirt air dà dhà n ainmeil anns a bheil an smeòrach. Chaidh na dà in a sgrìobhadh le bà ird air leth cliùmhor.
’S e a’ chiad fhear Iain mac Fhearchair ’ic Ìomhair à Uibhist a Tuath. Bidh sibh eòlach air ’s dòcha mar Iain MacCodruim. B’ e am fear eile Alasdair mac Mhaighstir Alasdair – bà rd cho cliùiteach ’s a bha riamh ann an saoghal nan Gà idheal. Innsidh mi dhuibh mu MhacCodruim an toiseach. Rinn mi aithris air mu-thrà th ann an Litrichean dà cheud ʼs a h-aon-deug (211), agus dà cheud ʼs a dhà -dheug (212). Bha e beò eadar timcheall air sia ceud deug, naochad ’s a trì (1693) agus seachd ceud deug, seachdad ’s a naoi (1779).
’S e an dà n aige ‘Smeòrach Chlann Dòmhnaill’. Bidh e air a sheinn fhathast – leithid leis an t-seinneadair ainmeil, Julie Fowlis. Seo an t-sèist a bhios a’ nochdadh eadar na rannan:
Hoilibheag hilibheag hó ail il ó, Hoilibheag hilibheag hó ró i,
Hoilibheag hilibheag hó ail il ó, Smeòrach le Clann Dòmhnaill mi.
Chan eil ann an Hoilibheag hilibheag ach briathran gun bhrìgh, no ʼs dòcha òran na smeòraich. Tha an loidhne mu dheireadh a’ ciallachadh ‘I am a thrush of Clan Donald’.
Carson a bha ball de Chlann ’ic Codruim a’ sgrìobhadh mu Chlann Dòmhnaill? Uill, bha ceann-cinnidh nan Dòmhnallach anns na h-eileanan a’ toirt taic mhòr do dh’Iain MacCodruim. Is fhiach innse mar a thà inig sin gu bith.
Bha cliù aig Iain mar bhà rd a bha ri cà ineadh is sgaiteachd. Sgrìobh e dì-mholadh mu obair thà illearan Uibhist. Bha na tà illearan air an goirteachadh gu dubh. Dhiùlt iad aon ghrèim eile fhuaigheal don bhà rd. An ceann greis, bha aodach Iain gu math robach.
Latha a bha seo, chunnaic an ceann-cinnidh, An Ridire Seumas Dòmhnallach, e. ‘Carson a tha do chuid aodaich a’ tuiteam às a chèile, Iain?’ dh’fhaighnich e. Dh’aithris Iain a’ bhà rdachd a bh’ air fearg a chur air na tà illearan. ’S dòcha gun robh an ceann-cinnidh a’ gabhail dragh gun sgrìobhadh Iain rudeigin dhen aon seòrsa mu dheidhinn-san – agus thug e obair is à ite-fuirich dha!
Co-dhiù, tha am bà rd ga chur fhèin ann an riochd smeòraich. Tha an t-eun gu math brònach. Anns an dà rna rann, ge-tà , tha an smeòrach ga lorg fhèin ann an suidheachadh nas fheà rr:
Smeòrach mis’ air mullach beinne, ’g amharc grèin is speuran soilleir;
Thig mi stòlda chòir na coille, ’s bidh mi beò air treòdas eile.
Anns an leabhar aice ‘Songs of Gaelic Scotland’, tha Anna Latharna NicGillÌosa ag rà dh gur dòcha gu bheil an t-atharrachadh bho bhròn gu dòchas aig toiseach an dà in a’ comharrachadh beatha a’ bhà ird fhèin. Carson? Uill, mìnichidh mi an gnothach an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Uibhist a Tuath: North Uist; timcheall air: around; Smeòrach Chlann Dòmhnaill: ‘Clan Donald’s thrush/mavis’; robach: tattered; à ite-fuirich: dwelling-place; Anna Latharna NicGillÌosa: Anne Lorne Gillies.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: An cuala sibh an samhladh sin riamh?: have you ever heard that simile?; chaidh na dà in a sgrìobhadh le bà ird air leth cliùmhor: the poems were written by very well-known poets; bà rd cho cliùiteach ’s a bha riamh ann an saoghal nan Gà idheal: as renowned a poet as ever existed in the world of the Gaels; bidh e air a sheinn fhathast – leithid leis an t-seinneadair ainmeil: it is still sung – such as by the famous singer; an t-sèist a bhios a’ nochdadh eadar na rannan: the chorus that appears between the verses; briathran gun bhrìgh: words without meaning; is fhiach innse mar a thà inig sin gu bith: it’s worth telling how that came into being; bà rd a bha ri cà ineadh is sgaiteachd: a poet that would be involved in criticism and cynicism; dì-mholadh mu obair thà illearan Uibhist: dispraise about the work of Uist tailors; dhiùlt iad uile aon ghrèim eile fhuaigheal don bhà rd: they all refused to sew one stitch more for the poet; carson a tha do chuid aodaich a’ tuiteam às a chèile?: why are your clothes falling apart?; gun sgrìobhadh Iain rudeigin dhen aon seòrsa mu dheidhinn-san: that John would write the same sort of thing about him; ann an riochd smeòraich: in the guise of a thrush; ’g amharc grèin is speuran soilleir: looking at the sun and clear skies; thig mi stòlda chòir na coille: I shall come to the wood steadily, bidh mi beò air treòdas eile: and I’ll live on other sustenance; gur dòcha gu bheil an t-atharrachadh bho bhròn gu dòchas aig toiseach an dà in a’ comharrachadh beatha a’ bhà ird fhèin: that perhaps the change from sadness to hope at the start of the poem marks the poet’s own life.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Tha m’ aire air an smeòraich: my attention is on the thrush. Smeòrach is a feminine noun so it traditionally slenderises in the dative singular case (at least with the article). And, while a noun starting with ‘s’ tends to carry a t- in the dative singular with article eg anns an t-seirbheis, air an t-slige, those with initial sg, sm, sp, st are not included in that ‘rule’ (because of the difficulty in making the sound). Thus air an smeòraich.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Cho binn ri smeòrach air geug: as melodious as a thrush on a brush.
Broadcasts
- Sun 15 Nov 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 18 Nov 2020 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.