Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1114
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1114. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 25 Nov 2020
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 810
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1114
Duration: 05:00
Litir 1114: Smeòrach Chlann Dòmhnaill (2)
Bha mi ag innse dhuibh mun dà n ‘Smeòrach Chlann Dòmhnaill’ a bh’ air a sgrìobhadh le Iain MacCodruim. Anns a’ chiad rann tha an smeòrach – a tha a’ riochdachadh an ùghdair – brònach. Anns an dà rna rann, tha i nas dòchasaiche. Tha beachd ann gu bheil an t-atharrachadh a’ riochdachadh beatha a’ bhà ird. Bha Iain brònach nuair a chaochail athair, ach leig a bhàs leis an fhear òg a bhith a’ sgrìobhadh mar a thogradh e.
Carson a bha sin? Uill tha naidheachd mu Iain a’ mìneachadh a’ ghnothaich. Bha Iain math air bà rdachd eadhon nuair a bha e òg. Bha banais anns an sgìre aige ach bhathar a’ dèanamh dheth gun robh Iain ro òg airson a dhol ann. Cha robh e toilichte. Chaidh e don bhanais co-dhiù, gun chead, agus thug e sùil gheur air a h-uile cà il a bha a’ tachairt ann. An uair sin, sgrìobh e dà n sgaiteach mu dheidhinn na bainnse.
Bha athair air a thà mailteachadh. Dh’iarr e air Iain gun a bhith a’ sgrìobhadh a leithid de bhà rdachd tuilleadh. Gheall Iain gun leanadh e comhairle athar. Chùm e ri sin fhad ’s a bha athair maireann. An dèidh a bhà is, ge-tà , bha Iain mar an smeòrach – saor a bhith ‘beò air treòdas eile’. Living on other food.
Ann an rann eile, tha sinn a’ ruigsinn brìgh an dà in – moladh tìr Chlann Dòmhnaill:
Ma mholas gach eun a thìr fhèin, ciod am fà th nach moladh mise
Tìr nan curaidh, tìr nan cliar, an tìr bhiadhchar, fhialaidh, mhiosail?
’S dòcha nach bi sibh a’ tuigsinn ciod am fà th oir tha e car seann-fhasanta. Tha e a’ ciallachadh ‘what is the reason?’ Dh’fhaodadh e a bhith a’ seasamh airson ‘carson’ ann an rannaidheachd far a bheil trì lidean a dhìth, seach na dhà .
Chì sinn cleachdadh aig na bà ird Ghà idhealach anns an ochdamh linn deug. Bhiodh iad gu tric a’ cur sreathan de bhuadhairean ann.
’N tìr nach caol ri cois na mara, an tìr ghaolach, chaomhach, channach,
An tìr laoghach, uanach, mheannach, tìr an arain, bhainneach, mhealach.
Ann an rann eile, tha am bà rd, a bhuineadh do dh’Uibhist a Tuath, ag innse beagan mu dheidhinn fhèin:
An Cladh Chothain rugadh mise, ’n Àird an Rùnair fhuair mi togail,
Fradharc a’ chuain uaibhrich, chuislich, nan stuagh guanach, cluaineach, cluiceach.
Anns an dreach air an dà n ann an ‘Sar-obair nam Bà rd Gà idhealach’ tha an rann mu dheireadh ag ainmeachadh Shir Sheumais. Bhiodh am bà rd ag òl deoch-slà inte dha. Agus bhiodh ‘aon mhac Dhè’ a’ dìon a’ chinn-chinnidh.
Dh’inns mi dhuibh ann an Litir dà cheud ’s a dhà -dheug (212) mun turas a thachair am bà rd Alasdair mac Mhaighstir Alasdair ri Iain MacCodruim ann an Uibhist. Bha iad mar sin eòlach air a chèile. Ach an robh a’ bhà rdachd aig Mac Mhaighstir Alasdair na modail don fhear eile? Sgrìobh Mac Mhaighstir Alasdair dà n ainmeil air an robh ‘Smeòrach Chlann Raghnaill’. An robh sin ann an ceann Iain MhicCodruim nuair a sgrìobh e Smeòrach Chlann Dòmhnaill? No an do nochd an dà n aig MacCodruim an toiseach? Bheir sinn sùil air a’ cheist sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Iain MacCodruim: John MacCodrum; banais: wedding; sgaiteach: sharp, caustic; seann-fhasanta: old-fashioned; Sar-obair nam Bà rd Gà idhealach: The Beauties of Gaelic Poetry; deoch-slà inte: toast (drink).
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: nuair a chaochail athair: when his father died; tha naidheachd mu Iain a’ mìneachadh a’ ghnothaich: an anecdote about John explains the matter; bhathar a’ dèanamh dheth gun robh Iain ro òg airson a dhol ann: it was reckoned that John was too young to go; thug e sùil gheur air: he cast a sharp eye on; bha athair air a thà mailteachadh: his father was horrified; dh’iarr e air Iain gun a bhith a’ sgrìobhadh a leithid de bhà rdachd tuilleadh: he asked John never to write that sort of poetry again; chùm e ri sin fhad ’s a bha athair maireann: he kept to that while his father was alive; ma mholas gach eun a thìr fhèin: if each bird praises its own land; ciod am fà th nach moladh mise?: why would I myself not praise?; tìr nan curaidh, tìr nan cliar: the land of the heroes, the land of the poets; an tìr bhiadhchar, fhialaidh, mhiosail: the bountiful, generous, respected land [miosail is a dialectal form of measail]; sreathan de bhuadhairean: series of adjectives; ’n tìr nach caol ri cois na mara: the unnarrow [productive] land beside the sea; an tìr ghaolach, chaomhach, channach: the beloved, friendly, mild land; an tìr laoghach, uanach, mheannach: the land of calves and lambs and kids; tìr an arain, bhainneach, mhealach: the land of bread, milk and honey; ’n Àird an Rùnair fhuair mi togail: in Aird an Runnair I was raised; fradharc a’ chuain uaibhrich, chuislich: in sight of the proud, throbbing sea; nan stuagh guanach, cluaineach, cluiceach: of the giddy, flattering, playful waves.Ìý
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: leig a bhàs leis an fhear òg a bhith a’ sgrìobhadh mar a thogradh e: his death allowed the young man to be writing as he wished. The verb togair means ‘desire, wish, be inclined to’. It is most commonly encountered in phrases like dèan na thogras tu ‘do what you want’, thèid sinn ann còmhla ma thogras tu ‘we’ll go there together if you like’. The conditional form (which is also the past habitual) is thogradh/togradh eg dhèanadh i sin nan togradh i ‘she would do that if she were so inclined’. Note also the first person conditional form tograinn. Bha mi gam ghiùlain fhèin mar a thograinn fhèin ‘I was behaving as I saw fit myself’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a bhuineadh do dh’Uibhist a Tuath: who belonged to North Uist.
Broadcasts
- Sun 22 Nov 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 25 Nov 2020 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.