...Tighearnas nan Eilean air maireachdainn?
Dè nan robh Aonghas Òg, Tighearna nan Eilean, air maireachdainn beò às dèidh 1490? What if Aonghas Òg, Lord of the Isles, had lived longer and had not died in 1490?
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a’ tomhas nan rathaidean eile a dh’ fhaodadh eachdraidh a bhith air a ghabhail anns an t-sreath ùr seo le cèist eadar-dhealaichte aige dha fhaighneachd gach seachdain.
Anns a’ phrògram sa: dè nan robh Tighearnas nan Eilean, am fo-rìoghachd Gà idhealach fo cheannais Chlann Dòmhnaill, air maireachdainn na b’ fhaide?
Ann an eachdraidh, thuit an tighearnas às a chèile às dèidh bliadhnaichean de chogadh agus de strì le rìghrean Alba. Chaidh an tighearna neo-eisimeileach mu dheireadh, Aonghas Òg, a mhurt ann an 1490 le clà rsair Èireannach na chùirt fhèin. Cha do rà inig Clann Dòmhnaill an aon ìre a-riamh a-rithist.
Ach dè nan robh sgian neo misneachd a’ mhurtair air fà iligeadh? Dè nan robh na Dòmhnallaich, fo smachd Aonghais Òig, air an cumhachd a ghlèidheadh beagan na b’ fhaide – neo mòran na b’ fhaide? Dè a’ bhuaidh a bheireadh sin air eachdraidh is suidheachadh na Gà idhealtachd chun a’ latha an-diugh?
A’ cagnadh air a’ chuspair tha dithis eòlaichean – an Dr Aonghas MacCoinnich bho Oilthigh Ghlaschu, agus Catrìona Mhoireach bho Oilthigh na Gà idhealtachd is nan Eilean. Dè cho diofraichte is a tha iadsan a’ smaoineachadh a bhiodh ar n-eachdraidh, mura robh Aonghas Òg air a bhith air a mhurt?
Last on
Clip
-
Dè nan robh Aonghas Òg air maireachdainn beò?
Duration: 01:03
Broadcasts
- Tue 17 Nov 2020 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 17 Nov 2020 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Nov 2020 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Dec 2020 08:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 9 May 2022 15:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 11 May 2022 20:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 May 2022 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal