Main content
Sorry, this episode is not currently available

...bàt'-aiseig, seach drochaid, anns a’ Chaol?

Dè nan robh na Sgitheanaich fhathast an urra ri bàtaichean-aiseig son faighinn gu tìr-mòr? What if the people of Skye were still dependent on a ferry to get to the mainland?

Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a’ tomhas nan rathaidean eile a dh’ fhaodadh eachdraidh a bhith air a ghabhail anns an t-sreath ùr seo le cèist eadar-dhealaichte aige dha fhaighneachd gach seachdain.

Anns a’ phrògram sa, tha ceathrar a tha a’ fuireach air an dà thaobh de Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich a’ freagairt na ceist: dè nan robh bàt'-aiseig, seach drochaid, anns a’ Chaol?

San Dàmhair 1995 dh’ fhosgail an drochaid agus bhon uairsin tha càraichean is carbadan air a bhith a’ siubhal gun sguir. Ach dè a' bhuaidh a bhiodh aige air an Eilean Sgitheanach, mura robh drochaid air a thighinn, is nan robh Caledonian Mac a’ Bhruthainn fhathast a’ giùlain luchd-siubhail eadar Caol Acainn agus Caol Loch Aillse?

An cuideachd Choinnich Mhic a’ Ghobhainn agus a’ beachdachadh air na ceistean sa tha na Sgitheanaich Art MacCarmaig, Tormod Dòmhnallach, agus Tormod MacGillÌosa; agus air taobh thìr-mòr dhen drochaid anns a’ Phloc tha Màiri Sìne Chaimbeul.

30 minutes

Last on

Sun 1 May 2022 10:00

Broadcasts

  • Tue 24 Nov 2020 12:00
  • Tue 24 Nov 2020 22:00
  • Sun 29 Nov 2020 10:00
  • Thu 31 Dec 2020 08:30
  • Mon 25 Apr 2022 15:30
  • Wed 27 Apr 2022 20:00
  • Sun 1 May 2022 10:00