Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach Iain Macaoidh air na rionnagan

Na reultan, an iarmailt, 's na tha os ar cionn air a mhìneachadh le Coinneach I Macaoidh. Kenny John MacKay does some stargazing with novice Flora Maclean.

Bha tarraing mhòr sna rionnagan do Fhlòraidh NicIllEathain a-riamh ach cha robh fios aice air dad mu ainmean nan rionnagan is eile ach a-mhàin Geal Sruth nan Speu, am Milky Way, agus cuideachd dh’ aithnicheadh i an Crann, Venus agus Mars.
Ach fhuair i sgoil aon oidhche geamhraidh ann a 1992 agus i air cnoc ann am Barbhas ann an Leòdhas, agus i còmhla ri fear aig an robh ùidh agus fios mòr air a’ chuspair, Coinneach Iain MacAoidh, no Coinneach Iain Aonghais Choinnich Mhòir, mar a b’ fheàrr a dh’ aithnichear e na bhaile fhèin. Cha deach an oidhche às a cuimhne a-riamh le mar a chuir iad seachad an oidhche fhuar, reòite agus e ag innse dhi mu na reultan.

30 minutes

Broadcasts

  • Christmas Eve 2020 12:00
  • Christmas Eve 2020 22:00
  • Sun 27 Dec 2020 09:30