Main content
Sorry, this episode is not currently available

Murchadh MacIllÌosa, Murchadh an t-Siorraidh à Ceann a Deas Shiaboist

Murchadh MacIllÌosa, Murchadh an t-Siorraidh à Ceann a Deas Shiaboist air òrain agus seinn. Neen Mackay talks to Murdo Maclean about singing at local concerts in the 1950s.

Na latha bha baile Shiaboist air taobh sia Leòdhais beo eadar cèilidhean san talla agus daoine a' cruinneachadh ann an dachaighean a chèile, agus am measg na bha a' tighinn beò anns na dachaighean sin bha sgeulachdan agus òrain. Òrain a bha a' bualadh air gach duine bha an làthair, òrain baile, òrain a' nèibhidh agus òrain gaoil. Bha an t-uabhas sheinneadairean sa sgìre sin, daoine a bha deònach seinn aig àm sam bith agus rann a chur ri chèile an làrach nam bonn. Chuala sinn iomadh iomradh air bàird baile, agus bha sgìre an taobh siar lomadh làn dhuibh.

Nuair a bha Neen NicAoidh sa BhBC ann an Glaschu bho chionn grunn bhliadhnaichean, thàinig i tarsainn air seann chlàran anns an tasglann. B' e òrain a bha seo a chaidh a chlàradh ann an dachaighean, ann an tallaichean agus fiù 's sa bhothan. Fhuair i tòrr tlachd ann a bhith ag èisteachd riutha agus b' iad cuid dhan fheadhainn a bha seinn caraidean a bh’ aig a h-athair fhèin, agus ri linn sin bha i a' faireachdainn ceangal ris na daoine agus na h-òrain. B' e aon dhiubh sin Murchadh MacIllÌosa, Murchadh an t-Siorraidh à Ceann a Deas Shiaboist agus chuir i roimhpe a dhol a chèilidh air a dh'fhaighinn a-mach mu na h-òrain, na consairtean agus a chuid seinn.

30 minutes

Last on

Sun 3 Jan 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 31 Dec 2020 12:00
  • Sun 3 Jan 2021 09:30