Main content
Sorry, this episode is not currently available

Agnes Mitchell bhon Eaglais Abstolach

Agnes Mitchell leis a’ chiad seirbheis aice fhèin dhuinn agus a' chiad seirbheis airson 2021. Agnes Mitchell with her first Gaelic service for Radio nan Gaidheal and for 2021.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na sailm a leanas:
Am Beannachadh Ceilteach air a sheinn le Norrie MacÌomhair agus a’ bhuidheann adhraidh, Ceilteach.
Salm 91: 1-2 air fonn Walsall agus ‘s e Aonghas MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Salm 42 air a sheinn leis na còisirean mar phàirt den phròiseact Lasair Dhè
Am Faca Sibh Lilidh air a sheinn le Màiri Mhoireasdan le taic bho Alasdair Roberts.

Leughadh: Salm 84: 1-12
Ceann-teagaisg: Leabhar an Fhàidh Habacuc

Rugadh Agnes Mitchell ann an Leòdhas far an robh a h-athair, an t-Urr Iain Fearghasdan, na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba ann an Nis. Ghluais an teaghlach an uair sin gu Port Rìgh nuair a chaidh a h-athair os cionn coitheanal Eaglais na h-Alba ann an sin. Nuair a bha Agnes deiseil anns an sgoil chaidh i gu Colaiste a’ Bhìobaill aig a 'Faith Mission' ann an Dùn Èideann far an d’fhuair i ceum ann an Diadhaireachd. Phòs i Daibhidh Mitchell, Canèidianach a bh' anns a' Cholaiste còmhla rithe.

Ghluais i a Chanada far an robh Agnes a' sàs ann an obair soisgeulach cuide ri Youth For Christ ann an Vancouver agus bha Daibhidh an duine aice na mhinistear anns an Eaglais Congregational ann an Canada bho 2002-2015. Thill iad air ais a dh’Alba far a bheil Daibhidh na mhinistear san Eaglais Abstolach ann an Cathar-Challdainn agus tha Agnes a’ toirt taic dha anns a' choitheanal. Tha ceathrar chloinne aca agus tha Agnes fhèin gan oideachadh aig an taigh.

Tha Agnes air seirbheisean Gàidhlig a chlàradh air-loidhne airson Coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu agus ‘s e seo a' chiad seirbheis a tha i air a chlàradh airson Dèanamaid Adhradh.

Tha i cuideachd air a bhith na dealbhadair phroifeasanta airson deich bliadhna.

30 minutes

Last on

Sun 3 Jan 2021 15:00

Broadcasts

  • Sun 3 Jan 2021 09:00
  • Sun 3 Jan 2021 15:00