An Dr Urr Ruairidh MacLeòid
Seirbheis bliadhn' ùire còmhla ris an Dr Urr Ruairidh MacLeòid bho 2010. Rev Dr Roddy MacLeod from the Church of Scotland conducts a new year service from 2010.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 100 : 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Dòmhnall Iain MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal an Òib aig Eaglais na h-Alba.
Salm 107: 7-8 air fonn Coleshill agus ‘s e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Salm 122: 6-9 air fonn New Cambridge agus ‘s e Coinneach A MacAoidh a tha os cionn na seinn.
Leughadh : Iosua 1: 1-7
Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geà rr bho 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Bha e bliadhna thar fhichead mar mhinistear ann am Beà rnaraigh na Hearadh mus tà inig an cabhsair. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an grunn bhuidhnean Gà idhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gà idhlig aig an eaglais. Mar chur seachad bha uidh mhòr aige ann a bhith a’ cluich teanas-bùird.
Last on
Broadcasts
- Sun 3 Jan 2021 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Jan 2022 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal