Main content
Sorry, this episode is not currently available

Catriona Cacile NicNèill

Catriona Iain Raghnaill à Barraigh a' cuimhneachadh na h-òrain a chlàr i do Sgoil Eòlais na h-Alba. Catriona Cacile MacNeill recalls her School of Scottish Studies song recordings.

Fad 2021 tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlàradh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

A seo tha Catriona Cacile NicNèill, Catriona Iain Raghnaill às a' Ghleann am Barraigh dhar toirt tro chuid de na h-òrain a chlàr i do Sgoil Eòlais na h-Alba.
Tha òrain aice a chuala i aig Anna Raghnaill Eachainn, Ealasaid Eachainn agus Peigi Eachainn agus i ag innse mar a bhiodh na boireannaich ag ionnsachadh na h-òrain bho chèile. Tha i cuideachd ag innse mar a thachair i ri Calum MacIllEathain bhon a Sgoil agus mar a bhiodh i a' toirt dha lioft nuair a bha i na banaltrum an Inbhirnis agus esan a’ falbh air baidhsagal a’ clàradh agus mar a thòisich i a' toirt dha na h-òrain a bh’ aice aig toiseach na 50an.

Am measg nan òran a chluinneas sinn aice tha, ’S moch an diugh a rinn mi Èirigh, Bha mise raoir air an Àirigh agus O phiuthrag olc a Phiuthar.

30 minutes

Last on

Sun 10 Jan 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 7 Jan 2021 12:00
  • Thu 7 Jan 2021 22:00
  • Sun 10 Jan 2021 09:30