Guthan mo Chà irdean le Essie Stiùbhart
Na chlà r seanair Essie Stiùbhart, Ali Dall, agus a mà thair Mà iri, a bha nan luchd-siubhail. Recordings from the rich heritage of Essie Stewart's family of travelling people.
Fad 2021 tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlà radh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
Tha Essie Stiùbhart a’ toirt thugainn taghadh de na chlà r a seanair Ali Dall, a rugadh ann a 1882 aig Albhain, baile beag deich mìle à Ulapul, agus den a chlà r a mà thair, Mà iri. Rugadh Essie an Edderton agus thogadh i còmhla ris an teaghlach Stiùbhart ann an Luirg. 'S e luchd-siubhail a bh' annta a bh' air a' rathad bhon Chà isg gu faisg air Oidhche Shamhna.
Bha a seanair Ali Dall sònraichte math air sgeulachdan, air a’ phìob agus air seinn. Thà inig Hamish Henderson bho Sgoil Eòlais na h-Alba dha chlà radh an toiseach ann an 1955 agus ann an 1957 bha e còmhla riutha fad an t-samhraidh; 'duine mòr is bogsa beag’, mar a thuirt a co-ogha mu dheidhinn. Fhuair e inneal clà raidh a bha ag obrachadh leis an dealan agus bhiodh iad a’ clà radh ann an taighean-òsta. Lean Hamish agus an t-Ameireaganach Bobby Botsford an teaghlach tro Chataibh a' clà radh aca a h-uile là .
Bhà saich mà thair Essie, Mà iri Stiùbhart, neo Micky mar a bh’ aig a h-uile duin’ oirre, agus i òg. Cluinnidh sinn i ag innse sgeulachd mu Rìgh na Frà inge a' lorg iteag òir.
Aig Ali Dall cluinnidh sinn Ruidhleadh Cailleach Eachainn Mhòir, Turas Dhòmhnaill a Ghlaschu agus òran a rinn Rob Donn, Briogais Ruairidh. Gheibh sinn cuideachd criomag de stòiridh Oisein agus puirt air a' phìob.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 14 Jan 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 14 Jan 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Jan 2021 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal