Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Tional leis an Dr Iain MacAonghais

Taghadh de chlàraidhean à Sgoil Eòlais na h-Alba leis an Dr Iain MacAonghais. Dr John Macinnes with a selection of recordings from the School of Scottish Studies.

Fad 2021 tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlàradh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

Anns An Tional, còmhla ris an sgoilear cliùiteach an Dr Iain MacAonghais, a bha 30 bliadhna ag obair sa Sgoil a' cruinneachadh beul-aithris agus a' teagasg, cluinnidh sinn, am measg rudan eile, clàraidhean à sgìrean far nach eil a' Ghàidhlig ach glè thearc an-diugh air crìochan na seann Ghàidhealtachd - sgeulachd mu Chailleach Beinn a’ Bhric agus Iain MacIlleMhaoil, Iain Mòr na Cruaich, à Cruaich Rannach eadar ceann Loch Rannach agus Taigh a’ Rìgh, dha h-innse; Iain Beag Dòmhnallach à Aonachan Lochabar le sgeulachdan mu Rìgh Raibeart am Brusach agus sgeulachd Maol Ìosa agus a' Chiste bho Iain Robasdan às an t-Seasgain ann an Eilean Arain.

Am measg nan òran, gheibh sinn Ged is Sochrach mo Leabaidh a rinn An Ciaran Mabach air a ghabhail le Iain MacIllFhinnein air a’ Leitir mu choinneamh Ulapul; Cumha Ghriogair à Siorrachd Pheairt air a sheinn le Crìsdean MacDhòmhnaill; Alasdair Boidhd à Àrd na Mònadh san Iochdair le puirt-a-beul agus dà cheathramh den òran An-diugh, An-diugh gur Reusantach, a rinneadh le Rob Donn nuair a rugadh am Prionnsa Teàrlach ann a 1720, air a sheinn le Dòmhnall S MacAoidh à Dùthaich MhicAoidh.

30 minutes

Last on

Sun 24 Jan 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 21 Jan 2021 12:00
  • Thu 21 Jan 2021 22:00
  • Sun 24 Jan 2021 09:30