Iain EÃ irdsidh Mac a' Mhaoilein
Seirbheis Ghà idhlig còmhla ri Iain Eà irdsidh Mac a' Mhaoilein. Gaelic service conducted by John Archie MacMillan
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is an leughadh a leanas:
A’ seinn 'Seo an gaol' tha Seumas Greumach.
'S i Amy NicAmhlaigh a bha seinn an laoidh, 'Tha sinne Dhia a’ seinn do chliù'.
A' seinn 'Thoir Dhomh do Là mh' bha Mà iri NicAonghais le taic bho na seinneadairean agus luchd-ciùil a ghabh pà irt sa chuirm spioradail a chaidh a chumail ann an Eaglais Naomh Moire ann an Glaschu ann an 2013.
Leughadh: Soisgeul Lùcais 10: 25-37
Rugadh agus thogadh Iain Eà irdsidh ann an Cill Donain ann an Uibhist a Deas agus chaidh e dhan sgoil an sin agus an Dalabrog. Às an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus à sin gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd anns an Spà inn airson sia bliadhna. Thà inig e a-mach na shagart anns an Ògmhios 1971. Bha e na shagart ann an Dùn Òmhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeigh.
Bha Iain Eà irdsidh cuideachd ag obair mar Oifigear Leigheis-inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh dhaoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e a-nis air a dhreuchd là n-ùine a leigeil seachad.
Tha e a' fuireach ann an Ceann a Deas Drochaid na Banrigh cuide ri bhean, MÃ iri. Tha balach agus nighean aca, Harriet agus Mata.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, 's toigh leis a bhith siubhal a-null thairis, gu h-à raid dhan Eadailt far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach. Air a shlighe a dh'obair, bhiodh e ag èisteachd ri clà raidhean den chà nan Eadailtis 's a' feuchainn ri gnìomhairean Eadailtis ionnsachadh, ach gu mì-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Spà innteach a' dol an lùib a chèile gu math tric, ach tha e còrdadh ris gu mòr a bhith dèanamh seo. Bidh e cuideachd a' cur ùine seachad air a' chùrsa golf agus a' dèanamh thòimhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh pìosan beaga an siud 's an seo dhan Ghà idhlig.
Bidh Iain Eà irdsidh os cionn nan seirbheisean Gà idhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann gu math tric.
Last on
More episodes
Iain EÃ irdsidh Mac a' Mhaoilein
Broadcasts
- Sun 7 Feb 2021 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Feb 2021 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Aug 2021 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Aug 2021 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal