Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Canan Seumas MacNèill

Seirbheis Ghàidhlig còmhla ris a' Chanan Seumas MacNèill. Gaelic religious service conducted by Canon James MacNeil.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
A Thighearna Dhia, air a’ sheinn le Raibeart MacDhonnchaidh
A’ seinn an Kyrie agus Salm 84 bha Còisir Eaglais Naomh Barr sa Bhàgh a Tuath agus ‘s e Còisir Eaglais Naomh Pheadair a bha a’ seinn an Gloria agus 'Thighearna ar Dòchais.
Bha Sgoilearan bho Sgoil Lionacleit a' seinn, Tha sinn a' seasamh aig an t-Soisgeul.
A’ seinn Mìorbhail Gràis bha Raonaid Walker agus a’ seinn, O Iosa bi ’n Còmhnaidh, bha Mairead Ford.

Leughaidhean : Leabhar Lebhiticus 13: 1-2 & 44-46
1 Corintianaich 10: 31 – 11:01
Soisgeul Marcus 1: 40-45

Rugadh Mgr. Seumas an Eilean Bharraigh agus 's ann gu Colaiste na Sagairteachd anns an Ròimh a chaidh e airson ionnsachadh a bhith na shagart.

Bha e na shagart paraiste san Eilean Sgitheanach airson grunn bhliadhnaichean agus bha e cuideachd a' frithealadh paraiste an Dòrnaidh agus an Ath Leathainn. Roimhe sin, bha e na shagart paraiste ann am Beinn na Fadhla agus ann am Mòrar. Bha e cuideachd a' teagasg ann an Roinn na Diadhachd aig Oilthigh Ghlaschu airson còig bliadhna.

Tha Mgr. Seumas stèidhichte aig Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban. Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, 's toigh leis a bhith a' leughadh agus a' coiseachd.

30 minutes

Last on

Sun 14 Feb 2021 15:00

Broadcasts

  • Sun 14 Feb 2021 09:00
  • Sun 14 Feb 2021 15:00