Am Bà rd, Dòmhnall Iain Tair
Am bà rd Dòmhnall Iain ‘Tair’ MacDhùghaill nach maireann, agus na dà in is òrain a rinn e. The songs and poems of the late Donald John MacDougall.
Tha dìleab là idir de bhà rdachd ann am Barraigh. Aig cuirmean agus cèilidhean air feadh na dùthcha ‘s iomadh òran a bhithear a’ seinn a chaidh a dhèanamh le bà rd Barrach.
Nam measg bha Dòmhnall Iain ‘Tair’ MacDhùghaill nach maireann. Rugadh e am Barraigh ann an 1921, agus b‘ e a sgrìobh òrain ainmeil leithid Feumaidh Mi Tilleadh a Bharraigh, agus Oitir Bagh Bhatarsaigh – neo Sands of Vatersay, mar a thug e air sa Bheurla.
Ach bhiodh e ri fada a bharrachd na òrain cèilidh a-mhà in. Choisinn e Crùn a' Bhà ird ann an 1968, agus bhiodh e ri sgrìobhadh òrain air fuinn bho air feadh an t-saoghail. Tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ bruidhinn ri Mà iri Agnes NicFhionghain, a thogadh an ath-dhoras do Dhòmhnall Iain, agus a chlà r mòran dhe na h-òrain aige air tèip; Mairead NicNèill, a bha còmhla ri Mà iri Agnes ann am buidheann ciùil a chur Dòmhnall Iain air dòigh an Glaschu; agus Calum MacNèill, aig a bheil deagh chuimhne air cuideachd Dhòmhnaill Iain an Glaschu.
Tha cothrom a seo èisteachd ri sgeulachd a bheatha, agus na h-òrain is dà in a rinn Dòmhnall Iain Tair - an fheadhainn a tha cumanta fhathast, agus an fheadhainn a tha ma dh’ fhaoidhte airidh air barrachd urram agus mothachadh.
Last on
Broadcasts
- Mon 8 Feb 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 8 Feb 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 14 Feb 2021 13:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 20 Feb 2023 15:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 22 Feb 2023 20:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Feb 2023 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal