Ã’rain Luaidh
Mòrag NicLeòid, a bha 'g obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba, a' toirt sùil air òrain luaidh. Morag Macleod from the School of Scottish Studies discusses and plays waulking songs.
Fad 2021 tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlà radh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
'S i Mòrag NicLeòid, an t-eòlaiche air òrain luaidh aig Sgoil Eòlais na h-Alba, a tha a' toirt dhuinn a roghainn an-diugh.
Tha i a' tòiseachadh le Iain MacAonghais, Iain Pheadair à Dalabrog a ghabh 'Gura mis’ tha fo mhulad' do dh' Ailean Bruford, agus a' leantainn le Sìne NicPhà il à Uibhist a Tuath a' gabhail 'Latha dhomh ’s mi siubhal Ghleannaibh' do Dhòmhnall Eà irdsidh Dòmhnallach agus Mòr NicIllEathain à Griomasaigh an Uibhist a Tuath ag innse mar a bhiodh iadsan a' luadh agus i a' seinn fear a bhiodh aca, 'Chunnaic mi tighinn seachad suas thu'.
Tha taghadh cuideachd aice às an Òb sna Hearadh bho Chatrìona Laing, Ceiteag Fhionnlaigh Aonghais Ruaidh agus 's e 'Mhòrag sna horo gheallaidh' a th' aicese dhuinn agus às an Eilean Sgitheanach tha Ciorstaidh Nicleòid à Borgh na Sgiotaig an Cille Mhoire le 'Chall eile, Chall o'. Gheibh sinn iomradh air luadh-chas, rud nach robh ac' sna Hearadh idir, ann an còmhradh a bh' aig Mòrag fhèin le Anna Chaimbeul agus Mairead NicIllEathain à Eòrapaidh a Nis a Leòdhas agus iad a' seinn 'Ille bhòidheach, faire faire' agus bheir Nan NicLeòid agus a peathraichean à Liurbost a Leòdhas 'Haoi aro hù ill a u' dhuinn. Tha Mà iri NicIain à Barraigh aice le Dhìrich mi suas Gual an t-Slèibhe, òran air a bheil sèist annasach, agus Ceit NicDhòmhnaill, bean Eà irdsidh Raghnaill à Gearraidh Sheilidh an Uibhist a Deas le 'O, 's e mo ghaol an Anna'.
Tha i a' crìochnachadh le òran luaidh bho Tommy Dòmhnallach bhon Chladach a Tuath an Ceap Breatainn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 18 Feb 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 18 Feb 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Feb 2021 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal