Main content
Sorry, this episode is not currently available

Laoidhean is Dàin Spioradail

An Dr Iain MacAonghais a' coimhead ri laoidhean agus dàin spioradail. Dr John MacInnes brings us a collection of hymns recorded by fieldworkers from the School of Scottish Studies.

Fad na bliadhna seo tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlàradh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

A seo tha an Dr Iain MacAonghais a' coimhead ri laoidhean agus dàin spioradail.

Cluinnidh sinn aige an t-Urr Alasdair MacPhàrlain, à bha na mhinistear an Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach, leis an laoidh, 'Anns an t-Siorraidheachd a Dh'fhalbh', agus Fanaidh NicÌosaig à Beinn na Fadhla a' gabhail laoidh a rinn Sìleas na Ceapaich, 'Laoidh Moire'. Tha laoidh aige a rinn Iain Moireasdan, Gobha na Hearadh, 'Tha duin’ òg is seann duine' air a sheinn le Tormod Conaigean à Sgalpaigh agus tha a' bhean-phòsta Nic an t-Saoir à Muile a' toirt thugainn 'Dhùisg mo mhàthair le gaoir'.

Ann an taobh Sear Thròndairnis san Eilean Sgitheanach tha Murchadh Mac a' Phearsain a' gabhail 'Tha sgìre Shniòsort fo bhròn' a chaidh a dhèanamh an dèidh bàs Mhgr Ruaraidh, ministear ainmeil san Eaglais Shaor agus aig Dòmhnall Moireasdan à Àrd Tunna a Muile tha laoidh a bhuineas dhan sgìre sin, air a sgrìobhadh le Màiri Dhòmhnallach, Leanabh an Àigh.

Aig Flòraidh NicDhùghaill à Uibhist a Deas, ach a bha fuireach am Barraigh, tha 'Laoidh na Nollaige' a rinn Mgr Ailean Dòmhnallach a bha na shagairt an Èirisgeidh agus aig Iain Robasdan à Muile tha, 'Latha a’ Bhreitheanais' aig Dùghall Bochanan. Ann a Leòdhas cluinnidh sinn Murdina NicDhòmhnaill à Bail' an Truiseil, a chlàr Torcuil Knudsen agus a rinn moladh mòr air a cuid seinn, a' gabhail 'Tha Do Rìoghachd làn de Ghlòir'.

30 minutes

Last on

Sun 28 Feb 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 25 Feb 2021 12:00
  • Thu 25 Feb 2021 22:00
  • Sun 28 Feb 2021 09:30