Main content
Sorry, this episode is not currently available

Puirt-a-beul

M貌rag Nicle貌id 脿 Sgalpaigh 's Iain Seathach 脿 Ceap Breatainn le taghadh de phuirt-a-beul. Morag Macleod and John Shaw bring us some mouth music from the School of Scottish Studies.

Fad na bliadhna seo tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil E貌lais na h-Alba a st猫idheachadh aig Oilthigh Dh霉n 脠ideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chl脿radh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mh貌r chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na G脿idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

'S e seanchas mu chuid de na puirt-a-beul a chaidh a chruinneachadh leis an Sgoil a th' aig M貌rag Nicle貌id 脿 Sgalpaigh agus am fidhlear, Iain Seathach 脿 Ceap Breatainn, a bha le ch猫ile ag obair sa Sgoil, dhuinn a seo.

Tha c貌mhradh aca an toiseach mun phort 'The High Road to Linton', a tha Seumas D貌mhnallach agus D貌mhnall D貌mhnallach 脿 Lochabar a' cluich air an fhidheall agus a tha Calum MacIllEathain 脿 Tiriodh a' seinn ann an G脿idhlig, agus an liuthad ainm eile air a bheil e aithnichte agus na facail eadar-dhealaichte a th' air an 貌ran air gach taobh den chuan.

A thuilleadh air a sin, tha puirt aca air an togail an 脌rasaig, am Muile, an Uibhist a Tuath, an Aichillidh Bhuidhe, am Malaig, a Le貌dhas agus san Eilean Sgitheanach.

30 minutes

Last on

Sun 14 Mar 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 11 Mar 2021 12:00
  • Thu 11 Mar 2021 22:00
  • Sun 14 Mar 2021 09:30