Main content
Sorry, this episode is not currently available

Annas Ã’rain

Taghadh òrain annasach aig Jo NicDhòmhnaill às na chruinnich Sgoil Eòlais na h-Alba. Jo Macdonald presents a selection of some unusual songs from the School of Scottish Studies.

Fad na bliadhna seo tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlàradh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

'S e taghadh de dh' òrain annasach às na chruinnich an Sgoil a th' aig Jo NicDhòmhnaill a seo.

Tha i a' tòiseachadh le 'Nuair fhuair thu ’n coinneanach' air a sheinn le Iain MacDhonnchaidh, Johnny à Muile. Tha riochd anàbhaisteach air 'Fàilte Rubha Bhatarnais' air a ghabhail le Iain Macleòid, Iain Ruaraidh Chaluim Bhàin à Gleanndail a chuala e aig bràthair a mhàthair, Iain MacFhearghais a rinn an t-òran. Ann a 'S ann aig Port Taigh na h-Airigh tha te a’ caoidh fear a chaidh a bhàthadh eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist 's e air a ghabhail le Màiri NicAonghais, Màiri Bhàn Aonghais Chuagaich san Ardmhòr san Iochdair.

Sgrìobh Iain MacAonghais, Iain Pheadar na h-òrain aig Seonaidh Caimbeul, Seonaidh Mac Dhòmhnail ‘ic an Bhàin a Taobh a Deas Loch Baghasdail agus chaidh leabhar a dhèanamh dhiubh. Ann an Òran nan Giomach, air a ghabhail le Iain, tha am bard a’ gearan cho doirbh ‘s a bha cosnadh a dhèanamh ag iasgach ghiomach.

Tha sinn a' leantainn turas te de bhàtaichean Mhic a' Bhruthainn, an Claidheamh Mòr à Glaschu chun Òban ann an òran le Màiri Mhòr nan Òran agus Iain MacFhionghain, Iain Lachlainn à Bhatarnais dha ghabhail.

Chruinnich Catrìona Dhùbhghlas às an Eilean Sgitheanach mòran òrain anns a nàbachd aice fhèin, nam measg 'Rìgh gur mis’ th’ air mo sgaradh' far a bheil am bàrd a’ gabhail an aithreachais gun phòs e te nas sine.

'S ann aig Anna Mhoireasdan às an Iochdair a tha 'Cha dèan mi 'n obair' agus aig Dòmhnall Iain MacIllEathain à Beàrnaraigh na Hearadh a tha Fil òro, Fil òro.

30 minutes

Last on

Sun 7 Mar 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 4 Mar 2021 12:00
  • Thu 4 Mar 2021 22:00
  • Sun 7 Mar 2021 09:30