Sgeulachdan luchd-eaglais às an tasglann
An t-Oll Urr Dùghlas Mac a’ Mhaoilein a thug a sgilean cìobaireachd bhon a' mhòintich chun a’ chùbaid. Prof Douglas MacMillan - from hillside to Biblical Shepherd.
Chan fhaigheadh tu ainm na bu fhreagarraiche na Buachaille a’ Bhìobaill dhan fhear air a bheil sinn a’ toirt iomradh anns a’ phrògram seo. Bho bhith na Bhuachaille air a’ chroit gu bhith na bhuachaille sa chùbaid – an t-Ollamh Urramach Dùghlas Mac a’ Mhaoilein.
Rugadh Dùghlas Mac a’ Mhaoilein ann an 1933. B’ ann do sgìre Àrd nam Murchan a bhuineadh e agus b’ e an neach a b’ òige de shianar chloinne. A’ fàs suas, cha robh dad a' cunntais ach na caoraich agus cha bheag a bh’ ann dhiubh sin.
Bha Mgr Mac a’ Mhaoilein na mhinistear ann an Obar Dheathain agus ann an Glaschu, agus chaidh an uair sin a stèidheachadh mar Phroifeasair air Eachdraidh agus Prionnsabalan na h-Eaglaise Saoire anns a' Cholaiste ann an Dùn Èideann. Anns a’ phrògram seo, cluinnidh sinn bho fheadhainn a bhiodh a’ frithealadh nan eaglaisean aige agus bho chuid a fhuair oideachadh bhuaithe sa Cholaiste ann an Dùn Èideann.
Last on
Broadcasts
- Tue 23 Mar 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 23 Mar 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Mar 2021 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Jul 2021 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Jul 2023 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal