Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgeulachdan luchd-eaglais às an tasglann

Mac ministear, a bha na mhinistear agus na mhodaràtair - an t-Urr Murchadh A MacLeòid. Neen MacKay in conversation with the late Rev Murdo Alec MacLeod.

'Rebel without a cause!' B’ e sin an fhàilte a chuir an t-Urramach Murchadh Ailig MacLeòid air a' chraoladair Neen NicAoidh nuair a choinnich e rithe air an t-sràid còrr air deich bliadhna fichead air ais. Ach 's e càirdeas a thàinig às agus fhuair Neen cothrom ùine a chur seachad na chuideachd agus clàradh a’ dhèanamh còmhla ris mu bheatha mar Bhuachaille a’ Bhìobaill. Bha Murchadh Ailig air a bhith ann an Steòrnabhagh airson trì bliadhna nuair a chaidh an clàradh a’ dhèanamh. Bha e roimhe sin air a bhith os cionn Eaglais nam Manach-Liath ann an Inbhir Nis, Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain agus ann an sgìre Drumchapel ann an Glaschu far an do thòisich e a dhreuchd mar mhinistear air coitheanal.

Na òige ann an Sgoil Steòrnabhaigh bha e air leth sgileil nuair a thigeadh e gu bhith cluich gèam ball-coise agus cha robh an còrr a' cunntadh dha aig an àm sin ach ball a bhith aig a chasan. Thàinig atharrachadh na bheatha aig fichead bliadhna a dh’aois nuair a bha e ag obair ann an Glaschu. Às dèidh dha athair bàsachadh gu h-obann dh’fhairich e gairm chun na ministrealachd. Chaidh e air ais gu foghlam aig àrd-ire agus gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire airson trèanadh a bhith na mhinistear. Chaidh a phòsadh ris a’ chiad choitheanal aige ann an 1966 ann an Drumchapel.

30 minutes

Last on

Sun 16 Jul 2023 21:00

Broadcasts

  • Tue 30 Mar 2021 12:00
  • Tue 30 Mar 2021 22:00
  • Sun 4 Apr 2021 10:00
  • Sun 18 Jul 2021 21:00
  • Sun 16 Jul 2023 21:00