Taghadh à Beinn a’ Bhadhla
Catrìona Garbutt le taghadh de dh' òrain is laoidhean à eilean a h-à raich, Beinn a' Bhadhla. Catriona Garbutt chooses hymns and songs from her native island of Benbecula.
Air a' bhliadhna seo tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlà radh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
'S i a' bhana-sheinneadair agus am pìobaire, Catrìona Garbutt, nighean Chaluim Iain Chaluim Bhig, a tha còmhla rinn a seo le taghadh de cheòl à eilean a h-à raich, Beinn a' Bhadhla.
Cluinnidh sibh Penny 'Mhòr' NicIllFhialain, Penny Aonghais Iain le Òran na Fèille a sgrìobh bean ’Illeasbuig Iain às an Iochdair.
Gheibh sinn Laoidh Dhiarmaid agus 'Gura muladach sgith mi' bho nighean ‘Illeasbuig Ghriomasaigh, Catriona NicCarmaig à Hà cleit, a dh’ ionnsaich Am Bròn Binn do Chatrìona fhèin.
Gabhaidh Oighrig Monk, nighean Peigi a’ Rubha à Grà masdail, 'S daingean bhuail iad as gach taobh sibh', òran mu mhurt na Ceapaich agus aig Fanaidh NicÌosaig, Fanny Dhonnchaidh Ruaidh tha Laoidh a' Phurgadair.
Tha Margadh an t-Sà lainn aig Tormod Ruadh Mac a’ Mhaoilein am Baile Mhanaich, a bha an uairsin a Sliabh na h-Àirde, ged a chuir e seachad a bheatha-phòsta an Cille Pheadair.
Cluinnidh sinn cuideachd Dòmhnall Ailig MacEachan, Dòmhnall Ailg ‘ic Dhòmhnaill, a’ bruidhinn ri Dòmhnall Eà irdsidh Dòmhnallach mu Dhòmhnall Bà n na Camairt a bha pòst’ aig piuthar a shin-seanair.
Bha Ceit Nic a’ Mhaoilein, Ceit Ruaraidh ‘ic Aonghais ic Calum, a' fuireach faisg air Sgoil Chnoc na Mònadh agus a bharrachd air a bhith a' seinn òrain bha i deònach an toirt seachad, agus cluinnidh sinn i le Gaol Ise, Gaol i.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 25 Mar 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 25 Mar 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Mar 2021 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal