Bà rdachd Dhòmhnaill Iain Dhonnchaidh
Dòmhnall E Dòmhnallach a' còmhradh ris a' bhà rd Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Uibhist a Deas. Donald A MacDonald in conversation with the South Uist poet, Donald John MacDonald.
Air a' bhliadhna seo tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlà radh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
Chlà r Dòmhnall Eà irdsidh Dòmhnallach còmhradh a bh' aige leis a' bhà rd Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh ann an 1982 far a robh e ag innse mu na bha a' gluasad spiorad na bà rdachd ann agus mar a bha e a' sgrìobhadh. Rugadh Dòmhnall Iain ann am Peighinn an Aoireann, Uibhist a Deas, ann an 1919, do theaghlach a bha sònraichte a thaobh an eòlais agus an ùidh a bha aca ann an eachdraidh, òrain agus dualchas.
B' e an seanchaidh ainmeil Donnchadh MacDhòmhnaill 'ac Dhonnchaidh, Donnchadh Clachair, a b' athair dha, agus bha Niall, brà thair athar, cuideachd aithnichte mar sgeulaiche.
Bha an creideamh Caitligeach a-riamh cudromach do Dhòmhnall Iain agus, ged a thà inig e tro iomadh dùbhlan agus dòrainn nuair a bha e na phrìosanach sa Ghearmailt fad còig bliadhna aig à m an Dà rna Cogadh, b' ann às dèidh dha aois dà fhichead bliadhna a ruighinn a dh'fhàs e dha-rìribh dlùth do chreideamh.
B' ann sa champa phrìosanach a thòisich e an dà n mòr 'Moladh Uibhist', leis na choisinn e Crùn a' Bhà ird aig Mòd Ghlaschu ann an 1948.
Nochd Sguaban Eòrna, leabhar den bhà rdachd aig Dòmhnall Iain Dòmhnallach ann an 1973, agus Fo Sgà il an Swastika, cunntas air a bheatha mar phrìosanach cogaidh ann an 1974.
Rinn e cruinneachadh de bheul-aithris is sgeulachdan agus òrain à Uibhist agus nochd cuid dhiubh sin anns an leabhar Uibhist a Deas a dh'ath-fhoillsich Acair an 2019. Tha iomradh air beatha Dhòmhnaill Iain agus cruinneachadh slà n den bhà rdachd aige anns an leabhar Chì Mi, deasaichte le Bill Innes agus air fhoillseachadh le Birlinn, 1998.
A seo cluinnidh sibh am bà rd fhèin ag aithris rannan à 'Moladh Uibhist' agus à 'Snaoiseabhal'; cluinnidh sibh Bill Innes le rannan à 'Don Lacha', 'Òran an Fheamanaidh' agus 'Feasgar Beatha'.
Last on
Broadcasts
- Thu 1 Apr 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 1 Apr 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Apr 2021 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal