Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1133
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1133. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 7 Apr 2021
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 829
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1133
Duration: 05:00
Litir 1133: An Seanailear Wade (2)
Cò an aon duine, a bharrachd air an rìgh no banrigh, a th’ air ainmeachadh anns an laoidh nà iseanta Bhreatannach? ʼS dòcha nach cuala sibh riamh an rann anns a bheil e air ainmeachadh. Cha bhi daoine ga sheinn an-diugh, cha chreid mi, air deagh adhbhar. Seo an rann:
Lord, grant that Marshal Wade
May, by thy mighty aid,
Victory bring.
May he sedition hush,
And, like a torrent, rush,
Rebellious Scots to crush.
God save the King.
Chan eil mi a’ dol a dhol an sà s anns na poilitigs idir! Ach ʼs e freagairt na ceiste a chuir mi – an Seanailear Seòras Wade. Bha mi ag innse dhuibh mu Wade an t-seachdain sa chaidh. Thog e rathaidean airm air a’ Ghà idhealtachd.Â
Am measg na thog e, bha drochaid Obar Pheallaidh – a tha iongantach agus brèagha. Anns an t-seann aimsir, bhathar a’ comharrachadh ‘Trì Iongantasan na h-Alba’ – the three wonders of Scotland. Dè bh’ annta? Uill – drochaid Obar Pheallaidh, tobraichean Ghlinn Iucha is cluig Pheairt. Chan eil fhios a’m mu thobraichean Ghlinn Iucha is cluig Pheairt, ach tha drochaid Obar Pheallaidh na iongantas fhathast.Â
Ach carson a bhiodh fear-togail dhrochaidean is rathaidean air ainmeachadh ann an laoidh nà iseanta Bhreatainn? Uill, a chionn ʼs gun robh Wade cliùmhor mar dhuine a sheasadh an aghaidh nan Seumasach. Thar nam bliadhnaichean, bha e air rèisimeidean Gà idhealach a thogail a bha taiceil don riaghaltas. Bha iad air an cur còmhla mar Am Freiceadan Dubh.
Dh’fhà g Wade a’ Ghà idhealtachd ann an seachd ceud deug is ceathrad (1740). Thà inig am Mà idsear Uilleam Caulfeild na à ite mar fhear-togail rathaidean. Fhuair Wade à rdachadh dreuchd. Bha e a-nise na fheachd-mharasgal no fieldmarshal. Bha e thall ann am Flà nrais greis. Thill e a Shasainn ann an seachd ceud deug, ceathrad ʼs a ceithir (1744) airson a bhith os cionn an airm gu lèir.
Carson, ma-thà , nach e Wade a sheas an aghaidh arm nan Seumasach aig Blà r Chùil Lodair? Uill, ann am Bliadhna Theà rlaich, cha deach cùisean ro mhath dha an aghaidh nan Seumasach ann an Sasainn. Chaidh na Seumasaich thar crìoch Shasainn. Bha iad a’ dèanamh air Lunnainn ach stad iad aig Derby. Bha Wade anns a’ Chaisteal Nuadh, an dùil gun rachadh na Seumasaich thar na crìche aig Bearaig. Ach ʼs ann a ghabh iad rathad Chathair Luail air taobh eile na dùthcha – far an robh iad dhen bheachd gum faigheadh iad barrachd taic bhon mhòr-shluagh.Â
Eadhon air an rathad air ais a dh’Alba, cha do rinn Wade cron sam bith air na Seumasaich. Cha robh e furasta dha armailt mhòr a ghluasad thar na dùthcha eadar an Caisteal Nuadh agus Cathair Luail. Mar sin, thog e rathad airm eile – an turas seo ann an ceann a tuath Shasainn. Gu mì-fhortanach dhuinn an-diugh, ge-tà , ghoid iad mòran de na clachan airson an rathaid bho Bhalla Hadrian.
Chaochail Wade dìreach dà bhliadhna an dèidh sin aig aois seachdad ʼs a còig (75). Cha do phòs e riamh agus bha e beartach. Dh’fhà g e fortan. Chaidh còig ceud not dhen t-sùim a chleachdadh airson carragh-cuimhne a thogail dha ann an Abaid Westminster far a bheil e air a thiodhlacadh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: rathaidean airm: military roads; Obar Pheallaidh: Aberfeldy; tobraichean Ghlinn Iucha: the wells of Linlithgow; cluig Pheairt: the bells of Perth; feachd-mharasgal: fieldmarshal; Flà nrais: Flanders; Blà r Chùil Lodair: The Battle of Culloden; chaochail: died.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Cò an aon duine, a bharrachd air an rìgh no banrigh, a th’ air ainmeachadh anns an laoidh nà iseanta Bhreatannach?: who is the one man, in addition to the king or queen, who is named in the British national anthem?; ʼs dòcha nach cuala sibh riamh an rann: perhaps you have never heard the verse; cliùmhor mar dhuine a sheasadh an aghaidh nan Seumasach: renowned as a man who would stand against the Jacobites; thar nam bliadhnaichean, bha e air rèisimeidean Gà idhealach a thogail: over the years, he had raised Highland regiments; bha iad air an cur còmhla mar Am Freiceadan Dubh: they were amalgamated as The Black Watch; chaidh na Seumasaich thar crìoch Shasainn: the Jacobites went across the English border; anns a’ Chaisteal Nuadh, an dùil gun rachadh na Seumasaich thar na crìche aig Bearaig: in Newcastle, expecting that the Jacobites would cross the border at Berwick; ʼs ann a ghabh iad rathad Chathair Luail air taobh eile na dùthcha: they took the Carlisle route on the other side of the country; cha robh e furasta dha armailt mhòr a ghluasad thar na dùthcha: it wasn’t easy for him to move a big military force across the country; ghoid iad mòran de na clachan airson an rathaid bho Bhalla Hadrian: they stole many of the stones for the road from Hadrian’s Wall; cha do phòs e riamh agus bha e beartach: he never married and he was wealthy; chaidh còig ceud not dhen t-sùim a chleachdadh airson carragh-cuimhne a thogail dha: £500 of the sum was used to build a memorial for himself; ann an Abaid Westminster far a bheil e air a thiodhlacadh: in Westminster Abbey where he is buried.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chan eil mi a’ dol a dhol an sàs anns na poilitigs idir: I’m not going to get involved in the politics at all. When you use the verbal noun a’ dol to command a second verbal noun, the second is lenited. Tha mi a’ dol a cheannach an leabhair sin ‘I’m going to buy that book’; a bheil thu a’ dol a bhruidhinn riutha? ‘are you going to speak to them?’
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Cha bhi daoine ga sheinn an-diugh, cha chreid mi, air deagh adhbhar: people don’t sing it today, I [don’t] reckon, for a good reason.
Broadcasts
- Sun 4 Apr 2021 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Apr 2021 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.