Na là mh-sgrìobhainnean aig Dòmhnall Iain Dhonnchaidh
Iseabail T NicDhòmhnaill ag innse mu na thog Dòmhnall Iain Dhonnchaidh de bheul-aithris. Ishbel T MacDonald brings us a small selection of D J Macdonald's manuscript collection.
Air a' bhliadhna seo tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlà radh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
Chuala sinn an t-seachdain a chaidh bhon bhà rd Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh mu na bha e fhèin a sgrìobhadh. A seo tha Iseabail T NicDhòmhnaill a' toirt sùil air na chruinnich e de bheul-aithris do Sgoil Eòlais na h-Alba.
Rugadh Dòmhnall Iain ann am Peighinn an Aoireann, Uibhist a Deas, ann an 1919, do theaghlach a bha sònraichte a thaobh an eòlais agus an ùidh a bha aca ann an eachdraidh, òrain agus dualchas. Thòisich e fhèin a' cruinneachadh ann a 1953 agus chruinnich e còrr air 6500 duilleag anns na ceithir bliadhna a lean. Ruith e air sgìrean eile ach thà inig tòrr dhe na chruinnich e bho a chà irdean fhèin.
B' e an seanchaidh ainmeil Donnchadh MacDhòmhnaill 'ic Dhonnchaidh, Donnchadh Clachair, a b' athair dha, agus bha Niall, brà thair athar, cuideachd aithnichte mar sgeulaiche. Cluinnidh sinn criomagan de na seann sgeulachdan clasaigeach a bh' aig athair, leithid sgeulachd Alasdair Mòr Mac Iain Là idir agus seanchas mun teine bhiorach; aig Niall bha iomradh air mar a chaidh na Dòmhnallaich a thogail creiche anns an Eilean Sgitheanach.
Thug e sìos còrr air 400 òran agus thà inig à ireamh mhòr dhiubh bho a pheathraichean Ceit agus Anna, òrain a dh’ ionnsaich iad bhon athair agus cuid dhiubh bhom mà thair, Mairead Aonghais Ruaidh, piuthar do Dhòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir , bà rd Phà islig. Bho Anna cuideachd thog e sgeulachd agus òran Nighean MhicCailein a chaidh don arm. A thuilleadh air a sin, chruinnich e dealbhan de dh’innealan, fiosrachadh mu chleachdaidhean agus sean-fhacail. Thog e còrr air fichead sgeulachd, a thuilleadh air òrain luaidh, bho Mhà iri Anna NicAonghais à Stadhlaigearraidh an Uibhist a Deas, agus nam measg bha an te a chluinneas sinn far an deach iarraidh air sgiobair fiach sgillinn de ghliocas a thoirt air ais dhachaigh leis!
Nochd cuid den chruinneachadh de bheul-aithris is sgeulachdan a rinn e anns an leabhar Uibhist a Deas a dh'ath-fhoillsich Acair an 2019. Tha iomradh air beatha Dhòmhnaill Iain agus cruinneachadh slà n den bhà rdachd aige anns an leabhar Chì Mi, deasaichte le Bill Innes agus air fhoillseachadh le Birlinn, 1998.
Last on
More episodes
Next
Broadcasts
- Thu 8 Apr 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 8 Apr 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Apr 2021 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal