Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Dòmhnall M MacAonghais

Seirbheis còmhla ris an Urr Dòmhnall M MacAonghais, Eaglais Paraiste Ghairbraid, Glaschu. A service conducted by Rev Donald M MacInnes, Gairbraid Parish Church, Glasgow.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean, sailm agus an leughadh a leanas:
Solas na Grèine air a sheinn le ceathrar bho Chòisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu.
An t-Urramach Uilleam MacMhathain a’ seinn Salm 65 air fonn French bho thasglann Tobar an Dualchais.
Salm 51: 10-12 air fonn Torwood agus ‘s e Lachlainn MacDhùghaill a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.
Catrìona Garbutt a’ seinn Ùrnaigh Chadail bhon chruinneachadh aig Carmina Gadelica

Leughadh: 1 Corintianaich 15: 1-11
Ceann-teagaisg; 1 Corintianaich 15: 1-4

Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile a' Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhràgair air taobh siar Leòdhais a thogadh e.

Bha e ag obair aig roinn an ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson seachd bliadhna agus às dèidh sin, fhuair e obair a' teagaisg ciùil ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-steach airson na ministrealachd ann an 1995.

Tha e an-diugh na mhinistear air paraiste Gairbraid ann an sgìre Maryhill an Glaschu.

Tha dithis bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn na 'Buddies', sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntàta, càl agus currain - mar a thuirt e fhèin, 'dìreach mar Fiollagan'. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich a' phìob agus a' coimhead Laurel and Hardy. Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus is caomh leis a bhith tilleadh ann airson saor-làithean.

30 minutes

Last on

Sun 9 May 2021 15:00

Broadcasts

  • Sun 9 May 2021 09:00
  • Sun 9 May 2021 15:00