Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn, Eaglais Shaor Leantainneach

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain Mac a' Ghobhainn, an Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic religious service conducted by Rev Iain Smith, Free Church (Continuing).

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 91: 15-16 air fonn St David agus ‘s e Seumas Gracie a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shnìosoirt san Eilean Sgiathanach.
Salm 103: 8-10 air fonn London New agus ‘s e Dòmhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 102: 16-18 air fonn Bangor agus ‘s e Dòmhnall MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor an Allt Bheithe.

Leughadh: Marcus 10: 46-52
Ceann-teagaisg: Marcus 10: 46-52

Rugadh an t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn ann am Pabail Iarach anns an Rubha. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e na bhùidsear. Tha Mgr Mac a' Ghobhainn pòsta le dithis mhac. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1994 far an robh e stèidhichte aig Eaglais Shaor Phartaig ann an Glaschu. Dh'fhuirich e an sin gu 2003, gus an do ghluais e gu Tasmania far an robh e na mhinistear ann an Eaglais Chlèireach cheann a deas na dùthcha. Thill e air ais dhan dùthaich seo ann an 2015 agus fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh. Chaidh Mgr Mac a' Ghobhainn a phòsadh ris a' choitheanal sa Chèitean 2016. Tha Maighstir Mac a’ Ghobhainn an-diugh air ais ann an Leòdhas, a’ fuireach ann an Ceann a Tuath nan Loch agus air a dhreuchd a leigeil dheth. Tha e fhathast a’ searmonachadh agus a-nise a' cur seachad tòrr ùine aig an taigh a’ dèanamh rud a tha a còrdadh ris gu mòr, ‘s e sin DIY.

30 minutes

Last on

Sun 16 May 2021 15:00

Broadcasts

  • Sun 16 May 2021 09:00
  • Sun 16 May 2021 15:00