Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1139
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1139. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 19 May 2021
22:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 835
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1139
Duration: 05:00
Litir 1139: Anndra MacBhà tair
Seo ceist dhuibh. Saoil an robh Gà idhlig sam bith aig a’ chiad fhear dhubh a chluich ball-coise airson sgioba nà iseanta na h-Alba?Â
B’ e an cluicheadair Anndra MacBhà tair, no Andrew Watson, a chluich airson sgioba na h-Alba anns na h-ochdadan dhen naoidheamh linn deug. Tha cuid a’ cumail a-mach gum b’ esan a chiad fhear dubh anns an t-saoghal a chluich ball-coise aig ìre eadar-nà iseanta. Agus carson a tha mi a’ cur na ceist – an robh Gà idhlig sam bith aige? Uill, a chionn ʼs gun robh a theaghlach, air taobh athar, às a’ Ghà idhealtachd.
Rugadh Anndra ann an Guiana anns na h-Innseachan an Iar ann an ochd ceud deug, caogad ʼs a sia (1856). Bhuineadh a mhà thair do Ghuiana, agus tha dùil gun robh sinnsireachd Afraganach aice. B’ e a h-ainm Anna no Hannah Rose.Â
Bhuineadh athair Anndra do dh’Alba. B’ esan Pà draig MacBhà tair – Peter Miller Watson – agus rugadh e ann an Cill Tighearn ann an Ros an Ear ann an ochd ceud deug ʼs a còig (1805). Bha e na uachdaran co-cheangailte ri gnìomhachas an t-siùcair ann an Guiana.
Tha Cill Tighearn faisg air Bail’ Eòghainn. Aig toiseach an naoidheamh linn deug, bha Gà idhlig là idir anns an sgìre sin. Tha an Seann Chunntas Staitistigeach, a chaidh fhoillseachadh ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a h-aon (1791), ag innse dhuinn gur i a’ Ghà idhlig a bu mhotha a bh’ air a bruidhinn anns an sgìre sin aig an à m, ach gun robh a’ Bheurla a’ dèanamh adhartas.Â
B’ e am fear a sgrìobh an cunntas ministear Chill Tighearn, an t-Urramach Eanraig Robasdan – Harry Robertson ann am Beurla. ʼS e mo thuigse gum b’ esan sinn-seanair Anndra MhicBhà tair. Bhuineadh e fhèin agus na Robasdanaich do Shiorrachd Rois. Cha chuireadh e iongnadh sam bith orm nam biodh Gà idhlig aigesan agus aig a nighinn, seanmhair Anndra. Ach an do lean an cà nan cho fada ri ginealach Phà draig? ʼS dòcha nach do lean.
Bhuineadh Clann ʼic Bhà tair do na Crìochan bho thùs. Chan eil mi an dùil gun robh Gà idhlig ga bruidhinn anns an taobh sin dhen teaghlach.
Co-dhiù, air ais gu Anndra, an cluicheadair ball-coise. Chaidh e fhèin is a phiuthar Annetta cuide rin athair a dh’fhuireach ann am Breatainn nuair a bha Anndra òg. A rèir choltais, dh’fhuirich am mà thair ann an Guiana.
Bha Pà draig beartach agus chaidh Anndra gu sgoiltean prìobhaideach ann an Sasainn. Dhearbh e gun robh e fìor mhath mar chluicheadair ball-coise. Chaidh e don oilthigh ann an Glaschu. Phòs e tè à Glaschu. Thòisich e air cluich airson Queen’s Park – cluba mòr aig an à m – agus chaidh a ghairm don sgioba nà iseanta trì tursan.
An uair sin, ghluais e a Shasainn le obair. Agus cha robh Comann Ball-coise na h-Alba ach a’ taghadh chluicheadairean a bha stèidhichte ann an Alba. Mar sin, chluich e do dh’Alba dìreach trì tursan. Ach abair gun robh e soirbheachail. Seo toraidhean nan geamannan anns an robh e an sà s: Sasainn 1 – Alba 6; A’ Chuimrigh 1 – Alba 5; agus Alba 5 – Sasainn 1. B’ iad sin na là ithean!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Anndra MacBhà tair: Andrew Watson; sinnsireachd Afraganach: African ancestry; Cill Tighearn: Kiltearn; Ros an Ear: Easter Ross; Bail’ Eòghainn: Evanton; Seann Chunntas Staitistigeach: Old Statistical Account; sinn-seanair: great-grandfather; na Crìochan: the Borders; beartach: wealthy.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Saoil an robh Gà idhlig sam bith aig a’ chiad fhear dhubh a chluich ball-coise airson sgioba nà iseanta na h-Alba?: do you reckon the first black man to play football for Scotland’s national team had any Gaelic?; anns na h-ochdadan dhen naoidheamh linn deug: in the 1880s; a chiad fhear dubh anns an t-saoghal a chluich ball-coise aig ìre eadar-nà iseanta: the first black man in the world who played football at international level; air taobh athar: on his father’s side; rugadh Anndra ann an Guiana anns na h-Innseachan an Iar: Andrew was born in Guyana in the West Indies; bha e na uachdaran co-cheangailte ri gnìomhachas an t-siùcair: he was a landlord connected to the sugar industry; gur i a’ Ghà idhlig a bu mhotha a bh’ air a bruidhinn anns an sgìre sin aig an à m: that it was Gaelic that was widely spoken in that parish at the time; ach gun robh a’ Bheurla a’ dèanamh adhartas: but that the English language was making progress; bhuineadh e fhèin agus na Robasdanaich do Shiorrachd Rois: he himself and the Robertsons belonged to Ross-shire; cha chuireadh e iongnadh sam bith orm nam biodh Gà idhlig aigesan agus aig a nighinn, seanmhair Anndra: it would not surprise me at all if he and his daughter, Andrew’s grandmother, spoke Gaelic; an do lean an cà nan cho fada ri ginealach Phà draig?: did the language persist until Peter’s generation?; ʼs dòcha nach do lean: perhaps not; dhearbh e gun robh e fìor mhath mar chluicheadair ball-coise: he proved that he was an excellent footballer; chaidh a ghairm don sgioba nà iseanta trì tursan: he was called up to the national team three times; cha robh Comann Ball-coise na h-Alba ach a’ taghadh chluicheadairean a bha stèidhichte ann an Alba: the Scottish Football Association were only picking players who were based in Scotland.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chaidh e fhèin is a phiuthar cuide rin athair: he and his sister went [together] with their father. Cuide ri is a dialectal alternative to còmhla ri. Rin is her a combined form of the preposition ri and the possessive article an (third person plural).
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: B’ iad sin na là ithean!: those were the days!
Broadcasts
- Sun 16 May 2021 22:25´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 19 May 2021 22:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.