Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1140
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1140. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 26 May 2021
22:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 836
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1140
Duration: 05:00
Litir 1140: An Caisteal Ruadh (1)
Chan ann tric a bhios mi a’ toirt na Litreach don Chaisteal Ruadh anns an Eilean Dubh. Tha sin car annasach ann an dòigh, oir tha an t-à ite faisg air Inbhir Nis, agus tha e là n eachdraidh. ’S dòcha gur e as coireach gum bi sinn a’ dìochuimhneachadh mu dheidhinn nach eil rathad mòr a’ dol ga ionnsaigh. Tha na rathaidean don Chaisteal Ruadh cumhang is sà mhach. Agus tha an caisteal fhèin a-nise na thobhta.Â
An turas mu dheireadh a bha sinn ann còmhla, bha mi ag innse dhuibh mu Fhearchar a’ Ghunna a bha a’ fuireach anns an sgìre o chionn fhada. Bha sin ann an Litrichean naoi ceud, naochad ’s a trì (993) gu naoi ceud, naochad ’s a còig (995).
An turas seo, tha mi airson rud no dhà innse dhuibh mun à ite fhèin. Anns a’ chiad dol a-mach, carson as e An Caisteal Ruadh a th’ air an à ite – no Redcastle ann am Beurla? Uill, tha sin sìmplidh gu leòr. Tha seann chaisteal ann – agus tha e ruadh! Tha e air a thogail de chlach-ghainmhich a tha gu math ruadh. A dh’aindeoin ’s gu bheil e na thobhta, saoilidh mi gu bheil an caisteal gu math brèagha ann an cumadh agus coltas.Â
Tha e faisg air cladach a tuath Linne Fharair, agus dlùth ri ceann na linne. Tha e ann an suidheachadh sìtheil. Agus tha am fearann mu a thimcheall gu math torrach.Â
Chaidh daingneach a thogail air an là raich seo o chionn fhada. ’S e Rìgh na h-Alba, Uilleam Garbh mac Eanraig – William the Lion – a thog e faisg air deireadh an dà rna linn deug. An robh an togalach sin ruadh mar a tha caisteal an latha an-diugh? ’S iongantach mura robh oir faisg air là imh, tha cuaraidh ann às am faighte clach-ghainmhich ruadh. ’S e clach a th’ innte a tha cumanta anns an Eilean Dubh. Agus tha adhbhar eile agam a rà dh gun robh e ruadh. Thig sinn gu sin ann an tiotan.
B’ e ainm caisteal Uilleim Edirdovar. Anns a’ Ghà idhlig an latha an-diugh, chanamaid Eadar Dà Dhobhar. Nochd e gu tric ann am Beurla mar Edradour. Tha sin a’ ciallachadh ‘eadar dà uisge’. Thug an t-eòlaiche, Uilleam MacBhà tair, sùil air an ainm seo airson an leabhair aige Place Names of Ross and Cromarty. Cho-dhùin e gum b’ iad an dà uisge Linne Fharair agus Linne Chrombaidh.
Tro thìde, ge-tà , dh’atharraich e a bheachd. Bha e an uair sin a’ smaoineachadh gun robh an t-ainm a’ dèanamh iomradh air dà allt bheag faisg air a’ chaisteal. Co-dhiù, cha do mhair an t-ainm Eadar Dà Dhobhar. Mus robh an ceathramh linn deug a-mach, bhathar a’ gabhail Reidcastell air ann am Beurla.
Thairis air na ceudan, bha an caisteal ann an là mhan diofar theaghlaichean. An toiseach bha e leis na Bissets aig an robh fearann air taobh thall na linne. An uair sin, bha e leis na Greumaich. An dèidh sin bha e le Iarlan Rois mus do ghabh an teaghlach rìoghail, na Stiùbhartaich, grèim air. Thathar a’ smaoineachadh gun deach Mà iri, Banrigh na h-Alba, ann sa bhliadhna còig ceud deug, seasgad ’s a dhà (1562).
An ceann sia bliadhna eile, bha an Caisteal Ruadh gu bhith ann an là mhan Clann ’ic Coinnich. Agus sin far an tòisich mi an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: An Caisteal Ruadh: Redcastle; An t-Eilean Dubh: The Black Isle; là n eachdraidh: full of history; cumhang is sà mhach: narrow and quiet; Linne Fharair: Beauly Firth; sìtheil: peaceful; Uilleam Garbh mac Eanraig: William the Lion; Uilleam MacBhà tair: William (J) Watson; Greumaich: Grahams.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: car annasach ann an dòigh: a little strange in a way; ’s dòcha gur e as coireach gum bi sinn a’ dìochuimhneachadh mu dheidhinn: perhaps what’s responsible for us forgetting about it; nach eil rathad mòr a’ dol ga ionnsaigh: that no major road goes there; tha an caisteal fhèin a-nise na thobhta: the castle itself is now a ruin; air a thogail de chlach-ghainmhich: built of sandstone; gu math brèagha ann an cumadh agus coltas: very attractive in form and appearance; dlùth ri ceann na linne: close to the head of the firth; tha am fearann mu a thimcheall gu math torrach: the land around it is very fertile; chaidh daingneach a thogail air an là raich seo o chionn fhada: a fortress was built on this site a long time ago; ’s iongantach mura robh: it’s likely it was; thig sinn gu sin ann an tiotan: we’ll come to that in a moment; cho-dhùin e gum b’ iad an dà uisge Linne Fharair agus Linne Chrombaidh: he concluded that the two waters were the Beauly Firth and the Cromarty Firth; tro thìde, ge-tà , dh’atharraich e a bheachd: in time, however, he changed his opinion; cha do mhair an t-ainm: the name did not last; ann an là mhan diofar theaghlaichean: in the hands of various families; bha e le Iarlan Rois mus do ghabh an teaghlach rìoghail, na Stiùbhartaich, grèim air: it was owned by the Earls of Ross until the royal family, the Stewarts, got hold of it; ann an là mhan Clann ’ic Coinnich: in the hands of the Mackenzies; sin far an tòisich mi: that’s where I’ll start.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: tha cuaraidh ann às am faighte clach-ghainmhich ruadh: there is a quarry from which red sandstone would be obtained. Faigh ‘get, obtain’ is an irregular verb and this is a passive conditional form of it. And remember that the conditional in Gaelic also represents the past habitual – describing things happening regularly or habitually in the past. Gheibhte means ‘would be obtained’. Gheibhte clach às a’ chuaraidh ‘stone would be obtained from the quarry’. However, the interrogative and dependent form is faighte e.g. am faighte clach às a’ chuaraidh? ‘would stone be obtained from the quarry?’ Tha mi an dùil gum faighte clach às ‘I expect that stone was obtained from it’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Anns a’ chiad dol a-mach: in the first instance.
Broadcasts
- Sun 23 May 2021 22:25´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 26 May 2021 22:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.