1/3 Là ithean òige Eighrig Nicleòid am Brà gar 's beatha ùr an Alba Nuadh
Eighrig NicLeòid ag innse mu a h-òige ann am Brà gar agus mar a ghluais i a Chanada. Effie MacLeod talks about her former days in Bragar and her move to Canada.
‘S ann à Brà gar bho Thuath a Leòdhas a tha Eighrig NicLeòid, no Eighrig Dònaidh. Tha i an-diugh a’ fuireach ann an Canada, far a bheil i air a bhith bho 1968.
Bhon a bha i na nighinn bhig bha ùidh aig Eighrig ann an dùtchannan cèin. Faisg air deireadh na 60an, bha i pòsta le clann òga agus ghluais iad a dh’ Alba Nuadh ann an Canada. Bha saoghal ùr a’ fosgladh dhi. A dh’aindeoin 's nach robh Eighrig a’ smaoineachadh gum fanadh i ann an Canada an còrr de a beatha, thòisich i air clasaichean oidhche. Lean i oirre gu dìcheallach agus choisinn i teisteanasan agus, aig a' cheann thall, ceumannan oilthighe.
Thòisich Eighrig air teagasg agus bha i an sàs ann am prògraman foghlaim ionmhalta a chur an gnìomh ann an sgoiltean Alba Nuaidh. Ach aon uair is gun do dh’ fhà g an cuid cloinne an dachaigh, chuir i dùbhlan de sheòrsa eile ròimhpe fhèin. Chuir i a-steach airson obair air cladach a tuath Chanada ann am baile Tuktoyaktuk. Fhuair i an obair agus bha caibideil ùr gus tòiseachadh na beatha, anns an Talamh Fhuar, mar a dh' innis i do Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.
Last on
Broadcasts
- Tue 1 Jun 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 1 Jun 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Jun 2021 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 6 Mar 2023 15:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 8 Mar 2023 20:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Mar 2023 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal