2/3 Tuath gu Tuktoyaktuk
Eighrig NicLeòid ag innse mar a ghluais i gu ceann a tuath Chanada. Effie MacLeod talks about her move from Nova Scotia to Arctic Canada.
Às dèidh do chlann Eighrig NicLeòid, Eighrig Dònaidh à Brà gar bho Thuath a Leòdhas an taigh fhà gail bha Eighrig deiseil airson dùbhlan ùr. Bha i air bliadhnaichean a chur seachad ann an Alba Nuadh agus bha i a-nis air obair fhaighinn ann am fìor cheann a tuath Chanada.
B‘ ann gu obair ann an sgoil ann am baile Tuktoyaktuk anns an Talamh Fhuar a chaidh i. Bha aice ri fàs cleachdte ri dòigh-beatha gu tur eadar-dhealaichte. Bha fuachd ann nach robh i air fhaireachdainn roimhe, bha aodach air a dhèanamh le bian ri fhaighinn, bha aice ri biadh òrdanachadh uair sa bhliadhna agus bha cleachdaidhean nan Inuit annasach dhi. Ach bha Eighrig deiseil airson gach dùbhlan. Fhuair i cothroman falbh air losg’-choin, dh’ ionnsaich i mar a thogadh i igloo agus mu na cleachdaidhean seilge a bha aig muinntir an à ite.
‘S iomadh sgeulachd bhon Talamh Fhuar a th' aig Eighrig ri innse do Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.
Last on
Broadcasts
- Tue 8 Jun 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 8 Jun 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Jun 2021 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 13 Mar 2023 15:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 15 Mar 2023 20:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Mar 2023 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal