Main content
Sorry, this episode is not currently available

Iain Moireasdan, Eaglais Shaor Ros Cuithne

Seirbheis Ghàidhlig còmhla ri Iain Moireasdan bho Eaglais Shaor Ros Cuithne. Gaelic service conducted by Iain Morrison, Rosskeen Free Church.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 23: 1-2 air fonn Evan agus ‘s e Aonghas Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Salm 43: 3-4 & 6 air fonn Martyrdom agus ‘s e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 23: 4 air fonn Torwood agus ‘s e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.

Leughadh: Nahum 1: 1-15
Ceann-teagaisg: Nahum 1: 1-7

Rugadh Iain Moireasdan ann an Dùn Èideann, 's bha athair às na Hearadh agus a mhàthair à Leòdhas ach chaidh a thogail ann an Steòrnabhagh. Chaidh e gu Sgoil MhicNeacail agus b' ann nuair a bha e an sin a thàinig atharrachadh na bheatha aig aois sia deug nuair a bha dùsgadh spioradail ann ann an 1978.

Chaidh Iain gu Oilthigh Heriot Watt ann an Dùn Èideann agus Colaiste Mhoireibh agus thug e a-mach dreuchd neach-teagasg ann an matamataig agus coimpiutaireachd. Bha e a’ teagasg airson deich bliadhna fichead leis a' chiad obair aige ann an Acadamaidh Pheairt agus thill e air ais a Leòdhas a phòsadh ann an 1986. Fhuair e obair ann an Sgoil MhicNeacail far an robh e gu 2012. Chur e seachad dà bhliadhna aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar agus ann an 2014 chaidh e gu Seamanaraidh Diadhachd Dhùn Èideann agus cheumnaich e ann an 2017. Tha Iain an-diugh na neach-taic ann an coitheanal Eaglais Shaor Ros Cuithne.
Tha triùir a theaghlach aige, dithis ghillean agus nighean agus nuair a gheibh e ùine dha fhèin is caomh leis a bhith a' leughadh, a’ dèanamh beagan DIY agus àirneis agus a’ togail dheilbh.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 13 Jun 2021 09:00
  • Sun 13 Jun 2021 15:00