Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Calum M Mac a’ Ghobhainn, an Eaglais Shaor

Seirbheis còmhla ris an Urr Calum M Mac a’ Ghobhainn bhon Eaglais Shaor an Uibhist a Tuath. Gaelic service conducted by Rev Calum Murdo Smith, Free Church Minister in North Uist.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 40: 1-3 air fonn Ballerma agus ‘s e Murchadh MacÌomhair a tha os cionn na seinn.
Salm 107: 38-40 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Seonaidh Mac a’ Mhaoilein a tha os cionn na seinn
Salm 57 : 1 air fonn Matrydom agus ‘s e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn.
Salm 103: 13-14 air fonn Morven agus ‘s e Calum Màrtainn a tha os cionn na seinn.
Chaidh na sailm a chlàradh ann an Eaglais Shaor a’ Bhac le taic bho Choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.

Leughadh: Marcus 10: 35-38 & 46-52
Ceann-teagaisg Marcus 10: 36 & 51

Rugadh agus thogadh Calum Murdo ann an Siabost ann an Leòdhas far a bheil athair agus a mhàthair, Dòmhnall agus Màiri a’ fuireach fhathast. Às dèidh an sgoil fhàgail rinn e cùrsa einnseanairidh ann an Steòrnabhagh agus Glaschu. Chaidh Calum Murdo gu muir agus bha e anns a’ Chabhlach Mharsanta airson ochd bliadhna a’ seòladh gu iomadach ceàrnaidh den t-saoghal. Tha ùidh mhòr aige fhathast anns a’ mhuir agus bidh e a’ dol a dh’iasgach uair sam bith a gheibh e an cothrom. Chuir e seachad grunn bhliadhnaichean ag obair aig Urras Port Steòrnabhaigh mas deach e a-steach airson na ministrealachd. Chaidh Calum Murdo a Dhùn Èideann airson cùrsa diadhaidh a’ dhèanamh agus às dèidh ceumnachadh chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Dhùn Phris ann an 2011. Bha e ann am Dùn Phris airson còig bliadhna nuair a fhuair e gairm gu coitheanal Eaglais Shaor Uibhist a Tuath, Ghriomasaigh agus Bheàrnaraigh ann an 2016.

Tha Calum Murdo pòsta aig Johan Ghreumach à Barabhas agus tha triùir chloinne aca Joni, Marissa agus Danny.

30 minutes

Last on

Sun 6 Jun 2021 15:00

Broadcasts

  • Sun 6 Jun 2021 09:00
  • Sun 6 Jun 2021 15:00