Main content
Sorry, this episode is not currently available

3/3 An Talamh Fuar, Inuvik agus imrich eile

Eighrig NicLeòid ag innse mu a h-ùine an Inuvik san Talamh Fhuar agus mu tilleadh mu dheas. Effie MacLeod recalls her years in Inuvik in Arctic Canada and moving back south.

B’ e bliadhna annasach a chuir Eighrig NicLeòid à Bràgar a Leòdhas seachad ann an Toktoyaktuk ann an Talamh Fuar Chanada. Aig deireadh na bliadhna sin, ghluais i gu obair ùr ann am foghlam, an turas seo gu Inuvik air bruaichean Abhainn MhicCoinnich. Choisinn Eighrig duais shònraichte bho riaghaltas na North West Territories airson an obair a rinn i air prògram foghlaim ùr a chur air bhonn sa sgìre. Ach choileann i barrachd air a sin. Bha i a' sàs cuideachd ann an sealbh fhaighinn air seann thogalach anns a' bhaile. Rinn iad taigh-glainne mòr dheth airson maith na coimhearsnachd.

Fhad 's a bha i ann an Inuvik choinnich Eighrig ri fear à New Brunswick agus phòs iad. Uile gu lèir, chuir i 11 bliadhna seachad ann an Inuvik am measg nan Inuit agus nan Gwich’in mus do ghluais i fhèin agus an duine aice air ais mu dheas gu ruige New Brunswick agus mu dheireadh gu Nova Scotia, far a bheil an dachaigh aca an-diugh.

Ged a tha Eighrig air mòran de a beatha a chur seachad air feadh Chanada tha a cridhe fhathast ann am baile a h-àraich, Bràgar. ‘S iomadh atharrachadh a tha i a' faicinn sa bhaile gach turas a thilleas i dhachaigh, mar a dh' innis i do Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.

30 minutes

Last on

Sun 26 Mar 2023 10:00

Broadcasts

  • Tue 15 Jun 2021 12:00
  • Tue 15 Jun 2021 22:00
  • Sun 20 Jun 2021 10:00
  • Mon 20 Mar 2023 15:30
  • Wed 22 Mar 2023 20:00
  • Sun 26 Mar 2023 10:00