Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ailig O'Henley: caoraich agus ball-coise

Beatha Ailig O'Henley; a' trusadh chaorach 's a' trusadh chluicheadairean ball-coise. Herding sheep and herding footballers, both feature heavily in Alex O'Henley's life.

Tha sinn cleachdte gu leòr air radio agus telebhisean a bhith a’ cluinntinn agus a’ faicinn an neach-aithris spòrs Ailig O’Henley, neach-naidheachd Albannach airson UEFA agus neach-aithris aig ´óÏó´«Ã½ Alba agus ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gàidheal agus gun dad fa-near dha ach ball-coise. Tha iomadach bliadhna bhon a ghabh Ailig ùidh ann am ball-coise. Na bhalachan òg aig toiseach na 70an bhiodh e fhèin sa charaidean tric rim faicinn a’ frithealadh gheamannan ball-coise aig Cairiseabhal, faisg air a dhachaigh ann an Uibhist a Deas, agus iad a’ leantainn sgioba a Chinn a Deas. Cha b’ fhada gus an robh e fhèin na bhall dhen dearbh sgioba agus e na dheugaire ann an Sgoil Dhalabroig. Leis na sgilean a bh’ aige air a phàirce fhuair e cothroman cluiche ann an sgiobaidhean ann an Uibhist, Leòdhas, Inbhir Nis agus Glaschu agus theab e aig aon àm a’ dhol a chluiche aig ìre phroifeasanta.

Anns an t-sreath seo còmhla ri Angela NicFhionghain cluinnidh sinn mun ùidh a th’ aig Ailig anns a’ gheama, an obair a tha a’ tighinn an cois na dreuchd a th’ aige aig UEFA.com agus an turas a bh’ aige fhèin chun na Euros bho chionn ghoirid.

30 minutes

Last on

Tue 28 Dec 2021 08:30

Broadcasts

  • Tue 29 Jun 2021 12:00
  • Tue 29 Jun 2021 22:00
  • Sun 4 Jul 2021 10:00
  • Tue 28 Dec 2021 08:30