Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ailig O'Henley: Ag aithris air spòrs

Beatha Ailig O'Henley; a' trusadh chaorach 's a' trusadh chluicheadairean ball-coise. Herding sheep and herding footballers, both feature heavily in Alex O'Henley's life

Tha sinn cleachdte gu leòr air radio agus telebhisean a bhith a’ cluinntinn agus a’ faicinn an neach-aithris spòrs Ailig O’Henley, neach-naidheachd Albannach aig UEFA agus neach-aithris aig ´óÏó´«Ã½ Alba agus ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gàidheal agus gun dad fa-near dha ach ball-coise. Tha iomadach bliadhna bhon a ghabh Ailig ùidh ann am ball-coise. Na bhalachan òg aig toiseach na 70an bhiodh e fhèin sa charaidean tric rim faicinn a’ frithealadh gheamannan ball-coise aig Cairiseabhal, faisg air a dhachaigh ann an Uibhist a Deas, agus iad a’ leantainn sgioba a Chinn a Deas. Cha b’ fhada gus an robh e fhèin na bhall dhen dearbh sgioba agus e na dheugaire ann an Sgoil Dhalabroig. Leis na sgilean a bh’ aige air a phàirce fhuair e cothroman cluiche ann an sgiobaidhean ann an Uibhist, Leòdhas, Inbhir Nis agus Glaschu agus theab e aig aon àm a’ dhol a chluiche aig ìre phroifeasanta.

Thuige seo tha sinn air cluinntinn mu na comasan agus na sgilean a th’ aig, neo a bh’ aig, Ailig O’Henley air pàirce a’ bhuill-coise ach tha e a cheart cho innealachdach ag aithris air an spòrs 's a tha e air a bhith ga chluich agus e air a bhith ris an obair seo airson còrr air deich bliadhna fichead. Cluinnidh sinn mar a thòisich e ag aithris air cuspairean spòrs mar neach-naidheachd aig Radio nan Gàidheal suas chun a’ chothrom a fhuair e a dhol a dh’obair mar neach-naidheachd Albannach aig UEFA.com.

30 minutes

Last on

Wed 29 Dec 2021 08:30

Broadcasts

  • Tue 6 Jul 2021 12:00
  • Tue 6 Jul 2021 22:00
  • Sun 11 Jul 2021 10:00
  • Wed 29 Dec 2021 08:30