Dòmhnall Dùghallach
Ceitidh Mhoireasdan le cunntas air a h-athair, an seanchaidh Dòmhnall MacDhùghaill à Sollas. Katie Morrison brings us a range of her late father Donald MacDougall's folklore.
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
'S ann air a h-athair, an seanchaidh Dòmhnall MacDhùghaill, Dòmhnall Dhonnchaidh an Dùghallaich à Sollas an Uibhist a Tuath a tha Ceitidh Mhoireasdan a' toirt cunntas a seo.
Rugadh Dòmhnall MacDhùghaill ann an 1912, an duine bu shine de theaghlach mòr. Bho bha e òg bhiodh e a' cur seachad mòran ùine air an t-Sruthan Ruadh còmhla ri sheanair 's a sheanmhair air taobh a mhà thar, Iain MacRuairidh agus a bhean Ceit. 'S e gobha a bha na sheanair agus sin far na thog Dòmhnall mòran den stòras beul-aithris a bh' aige. Bha e mion-eòlach air eachdraidh nan eilean 's na Gà idhealtachd agus a thuilleadh air a sin bha fiosrachadh aige mu threubhan, à rainneachd, cleachdaidhean agus culturan air feadh an t-saoghail. Bu bheag an t-iongnadh a-rèisd gun chlà r Dòmhnall Eà irdsidh Dòmhnallach bho Sgoil Eòlais na h-Alba uiread bhuaithe.
Am measg na chluinneas sinn tha sgeulachdan a bhiodh Ceitidh a' cluinntinn bhuaithe tric 's i a' siubhal còmhla ris nuair a bha i beag, leithid A’ chailleach bheag a chaidh don trà igh' agus 'Tarbh nan Leòid'. A thuilleadh air a sin tha sinn a' faighinn dà òran bhuaithe - 'Mo chridhe trom' agus 'Gaol na h-ainnir is maith cliù'.
Ged a dh'fhalbh athair 's a mhà thair 's an còrr dhen teaghlach a dh'fhuireach a Shealan Nuadh nuair a bha Dòmhnall dusan bliadhna a dh'aois, chan fhalbhadh esan idir. Dh'fhuirich e còmhla ri sheanair 's a sheamhair agus dh'ionnsaich e a bhith na ghobha, gu dearbha cluinnidh sinn bhuaithe mar a bha e ag obair aig Taisbeanadh na h-Ìompaireachd ann an 1938 an dèidh dha cuireadh fhaighinn a dhol ann. Tha e cuideachd ag innse mar a bhiodh iad a' dèanamh gual Gà idhealach.
Chaochail Dòmhnall Dùghallach ann an 1996 aig aois 84.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 5 Aug 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 5 Aug 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Aug 2021 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal