Dè th' ann an ainm?
Fiosrachadh a thogadh le Iain Friseal a bha a' sgrùdadh ainmean-à ite na h-Alba. Ian Fraser of the Scottish Place-Name Survey presents a personal selection from the archive.
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
Bha Iain Friseal ag obà ir a' sgrudadh ainmean-à ite na h-Alba do Sgoil Eòlais na h-Alba agus a seo tha e a' toirt dhuinn blasad beag de na chruinnich e. Mar a tha e ag innse dhuinn, bha daoine na b' eòlaiche air ainmean-à ite na tha iad an-diugh, nuair a bha iad a' coiseachd na tìre, 's iad a' buachailleachd, ag obair air fearann agus ag iasgach.
Tha e tòiseachadh ann an Gleann Eilg agus Iain MacAsgaill à Scalasaig sa Ghleann Mhòr le sgeulachd mu bhalach a bha a' goid a choirce agus a chaidh a ghlacadh leis a' mhuilleir. Tha tèile aige bho Sheumas Mac na Clèirich à Dùthaich Chinn t-Sà ile mu Fhearchar Mac Iain Òig.
Ann am Bun Dà Loch tha Dòmhnall Macrath ag innse mar a fhuair Allt Camus a’ Choirce an t-ainm agus ann am Beinn na Fadhla tha Dòmhnall Ailig MacEachen ag innse mu à itichean co-cheangailte ri Alasdair Mòr Mac Iain Là idir.
Tha Tormod Dòmhnallach am Beà rnaraigh Leòdhais ag innse mu eachdraidh Eaglais an Tòbha agus mu sgeulachd iongantach Ghleann Fhuiligeo.
Am Malaig tha Aonghas MacIllFhaolain le naidheachd mu thaigh-seinnse bha air taobh Loch Nibheis le fear air a robh MacCeallaig. Tha e cuideachd ag aithris 'Òran a rinn a' Frisealach' mu Mhorair Lòbhat agus e cuideachd a' gabhail Altachadh Dail na Cabaig.
An Eilean Dhiùra tha Tormod Dòmhnallach agus Iain Seathach le iomradh air mar a fhuair Tobair Chaluim Chille ainm agus mu bhana-bhuidseach san eilean, Cailleach Dhaimhsgeir agus mu à ite air a bheil Sgrìob na Caillich.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 12 Aug 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 12 Aug 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Aug 2021 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal