Smior nan Daoine
Mairead Dhòmhnallach le taghadh de na chlà r Sgoil Eòlais na h-Alba. Mairead MacDonald brings us her selection of recordings made by the School of Scottish Studies.
'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clà raidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gà idhlig!
Tha Mairead Dhòmhnallach air leth eòlach air cho luachmhor agus a tha na chlà r Sgoil Eòlais na h-Alba oir b' i an stiùiriche a bh' air a' là rach-lìn, Tobar an Dualchais, far am faighear air èisteachd ri cuid da na chlà r iad, gu 2019. A seo tha i a' toirt dhuinn sealladh air dè a bh' ann a bhith nad Ghà idheal aig toiseach agus meadhan na ficheadamh linn.
Às na miltean de dh'òrain-obrach a chaidh a thogail, tha i a' taghadh Ceit Nic a' Mhaoilein à Beinn a' Bhaghla le Ceit NicNeacail, Peanaidh Bheag Mhoireasdan agus Peanaidh Mhòr NicIllFhialain à Uibhist a Deas a' seinn còmhla rithe. Tha Sandaidh Mac-a-Phì à Cnòideart ag innse seann sgeulachd mu dhroch uachdaran sa sgìre aige agus tha seanchas cuideachd aig Iain MacDhonnchaidh ann an Eilean Arain, a bha am measg an fheadhainn mu dheireadh a bha a' bruidhinn Gà idhlig Arain gu fileanta.
Gheibh sinn salm a chaidh a chlà radh le Thorkild Knudsen agus Fred Kent aig adhradh teaghlaich ann a Leòdhas, agus Iain Mac a' Ghobhainn, gobha à Baile an Truiseil, a' cur a-mach na loidhne. Tha Ceit NicRath faisg air a' Phloc ann an sgìre Loch Aillse a' dol air ais gu toiseach na ficheadamh linn agus i ag innse do Chalum Iain MacIllEathain mun phlòigh a bh' aca air Oidhche Shamhna agus tha fiosrachdh mionaideach aig Uisdean MacFhionghain à Clèadal ann an Eige air mar a biodh iad ag iomain air an trà igh a sin, cleachdadh a mhair suas gu mu 1925.
Cluinnidh sinn bho Fhlòraidh NicCumhais à Beà rnaraigh mu chleachdaidhean a bh' aca a thaobh suirghe is pòsadh, gu sònraichte mar a bha còrdadh is rèiteach gan cur air dòigh agus san dealachadh tha cuspair air an robh Gà idheil gu math eòlach – a bhith a' fagail an dachaigh agus a bhith fad air falbh bho luchd an gaoil - ann an òran a chaidh a dhèanamh le Ailean Dòmhnallach à Tarsgabhaig ann an Slèite.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 9 Aug 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 9 Aug 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Aug 2021 13:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal