Main content
Sorry, this episode is not currently available

Am bàrd, Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir

A' bhàrdachd aig Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir, a chlàr Sgoil Eòlais na h-Alba. Le Gillebrìde Mac 'IlleMhaoil. Gilbert MacMillan's choice of Donald MacIntyre's poetry.

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

'S ann à Gearra Bhailteas an Uibhist a Deas a tha an seinneadair Gillebrìde Mac 'IlleMhaoil. Bhuannaich e Bonn Òir an t-Seann Nòis ann an Dùn Omhain ann an 2000 agus na obair làitheil 's e òraidiche Gàidhlig agus Ceiltis a th' ann aig Oilthigh Ghlaschu. Mar as dòcha a shaoileadh sibh 's ann a dh' Uibhist a Deas a chaidh e airson a thaghadh às an tasglann - am bàrd, Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir, Bàrd Phàislig.

Ged a b' ann mar bhàrd a fhuair Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir, cliù airson òrain cho ainmeil 's a th' againn ann an saoghal na Gàidhlig - Òran na Cloiche, Sporan Dhòmhnaill agus Bùth Dhòmhnaill 'IcLeòid nam measg - mar a tha Gillebrìde ag ràdh, chan eil sin ag innse làn sgeulachd mu shaothair Dhòmhnall a thaobh òrain is dàin. Anns an tasglann, ann an còmhraidhean agus seinn a chaidh a chlàradh le Calum Mac Gill-Eain, cluinnidh sinn cho fiosrachail agus eòlach s 's a bha Dòmhnall Ruadh air òrain bhon dualchas aige fhèin.

'S iad na h-òrain a tha Gillebrìde a taghadh dhuinn Am Bothan a bh’ aig Fionghalla, an t-òran luaidh Horo Hùg gur e an Latha, òrain a' moladh agus a dì-moladh Inbhir Lòchaidh, Òran do Chatrìona NicMhathain agus fear de na dàin èibhinn, aoireil aige, MacPhàil is MacThòmais.

30 minutes

Last on

Sun 22 Aug 2021 13:00

Broadcasts

  • Mon 16 Aug 2021 12:00
  • Mon 16 Aug 2021 22:00
  • Sun 22 Aug 2021 13:00