Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgeulachdan os-nàdarra

Sgeulachdan os-nàdarra a chruinnich Sgoil Eòlais na h-Alba a Leòdhas 's na Hearadh. Le Catriona Mhoireach. Supernatural stories collected by the School of Scottish Studies.

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

'S ann à Lacasdail a Leòdhas a tha Catriona Mhoireach agus, leis gu bheil i na h-òraidiche aig Colaisde a’ Chaisteil UHI a’ teagasg eachdraidh agus dualchas nan Gàidheal, tha ùidh mhòr aice ann am beul-aithris, gu sònraichte anns na sgeulachdan os-nàdarra a chaidh a thogail le Sgoil Eòlais na h-Alba ann a Leòdhas agus na Hearadh mu shìthichean agus bana-bhuidsichean, taibhsean agus an dà-shealladh agus cleachdaidhean leigheis agus slànachaidh.

Cluinnidh sinn bhuaipe mu leanabh a rugadh le craiceann seann duine, mu Thinneas a' Rìgh, mun droch shùil, mar a bhathas a' cur às leth na bana-bhuidsich gu robh iad a' falbh le toradh a' bhainne, mu Mhac an t-Srònaich, mu mhanadh air bàs agus mu fhear a chaidh a' sàs ann am bòcan.

30 minutes

Last on

Sun 5 Sep 2021 13:00

Broadcasts

  • Mon 30 Aug 2021 12:00
  • Mon 30 Aug 2021 22:00
  • Sun 5 Sep 2021 13:00