Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na chruinnich Iain Peatarsan am Beàrnaraigh

Blasad beag de na chruinnich Iain Peatarsan an Eilean Bheàrnaraigh. Le Ailean Mac an Tuairneir. Allan Turner's choice of material collected by Iain Paterson on the Isle of Berneray

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

'S ann air ais gu eilean àraich, Eilean Bheàrnaraigh, a tha Ailean Mac an Tuairnear a' dol a seo. 'S e lannsair a bh' ann an Ailean fad iomadh bliadhna ach nuair a leig e dheth a dhreuchd cha robh càil a b'fheàrr ach tilleadh gu sgoilearachd; rinn e PhD air na creideamhan agus na cleachdaidhean ann an slàinte is tinneasan bho làmh-sgrìobhainnean an Dr MhicLagan, a bha na dhotair an Dùn Èideann san 19mh linn.

Chaidh a' chuid is motha den stuth a th' aige seo a chruinneachadh le fear de mhuinntir an eilein, Iain Peatarsan. Bha Iain na thidsear an toiseach ann am Fìobha ach anns na 60an, ghluais e gu Sgoil Eolais na h-Alba, far an robh e fad iomadh bliadhna a' cruinneachadh beul-aithris ann an iomadh aite ach gu h-àraid am Beàrnaraigh, is làn-earbsa aig na daoine a sin anns an obair phrìseil a bha e a' dèanamh.

Cluinnidh sinn clàraidhean a rinn e le piuthar a mhàthar, Flòraidh NicCumhais, Flòraidh Iain ‘ic Fhionnlaigh a bha cliùiteach san eilean airson cho math is a bha a cuimhne; Ceit an Tailleir, no Ceitidh Dix, a bha eòlach air a dualchas, is beòthail, làidir ann an iomadh dòigh; màthair Iain, Cairstìona Pheatarsan, Ciorstaidh Iain Fhionnlaigh Thormoid; Fionnlagh MacLeòid, no Fionnlagh Ruairidh Dhòmhnaill a bha na mhinistear nuair a thàinig e gu aois agus bho Chiorstaidh Anna Dhòmhnallach, Ciorstaidh Anna Raonaid Dhòmhaill Mhòir, no 'an Dòileag’ mar tha cuimhne oirre fhathast am Bèarnaraigh.

30 minutes

Last on

Sun 29 Aug 2021 13:00

Broadcasts

  • Mon 23 Aug 2021 12:00
  • Mon 23 Aug 2021 22:00
  • Sun 29 Aug 2021 13:00