Main content
Sorry, this episode is not currently available

Peini Mhoireasdan

Clàraidhean le Peini Mhoireasdan às an Iochdair do Sgoil Eòlais na h-Alba. Ishbel T Macdonald presents some of Penny Morrison's recordings for the School of Scottish Studies.

Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

'S e cruinneachadh beag den eòlas mhor air òrain a bh' aig Peini Mhoireasdan, Peini Bheag às an Iochdair an Uibhist a Deas a th' aig Iseabail T NicDhòmhnaill a seo. Choinnich iad a chèile an toiseach ann an 1972 agus rinn Iseabail fhèin clàraidhean dhith cuideachd.

'S e na h-òrain a th' aice Cailleach Bheag a’ Bhrà, Ciad Leannan a bh’ agam; Òran don Mhusgaid, a rinn Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir; Duan na Ceàrdaich agus Duan na Muilgheartaich, duain Ossianach; A’ bhanais a bha ’n Ciostal Odhar, a rinn Gilleasbuig MacDhòmhnaill, Gille na Ciotaig à Paibil an Uibhist a Tuath; a' laoidh a rinn Sìleas na Ceapaich, 'S e do bheatha Mhoire Mhaighdeann, agus na h-òrain luaidh Disathairne Ghabh mi Mulad agus Alasdair Òig ’ic ’ic Neacail.

1 minute

Last on

Sun 12 Sep 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 9 Sep 2021 12:00
  • Thu 9 Sep 2021 22:00
  • Sun 12 Sep 2021 09:30