EÃ irdsidh MacIllEathain, An Ros Mhuileach
Cuid de na thogadh bho Eà irdsidh MacIllEathain, san Ros Mhuileach le Sgoil Eòlais na h-Alba. Le Anna NicGuaire. Anna MacQuarrie with her pick of recordings of Archie Maclean, Mull.
'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clà raidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gà idhlig!
Chaidh Anna NicGuaire a thogail a’ cluinntinn sgeulachdan bho a h-athair mun eòlas air dualchas agus briathrachas sònraichte Muileach a bh 'aig an fhear a tha i a' toirt far comhair a seo. 'S e brà thair a sean-seanmhair a bh' ann an Eà irdsidh MacIllEathain (1880–1972) a rugadh 's a thogadh ann an Àrd Tuna, sa Ros Mhuileach.
Tha sinn a' cluinntinn cho fiosrach 's a bha e mu eich agus mu acfhainn an eich agus an t-èolas a bh' aige air mar a bhathas a' dèanamh a h-uile cà il bho gual-mòine, gu clèibh agus cuibhlichean snìomh gu togail thaighean.
Tha iomadh còmhradh fada aig Sgoil Sgoil Eòlais na h-Alba eadar Eà irdsidh agus na sà r-sgoilearan air ainmean-à ite, Iain Friseil agus an t-Ollamh Wilhelm Nicolaisen, agus e a’ bruidhinn gu mionaideach air ainmean-à ite timcheall air Loch Sgrìodain agus an Ros Mhuileach agus gheibh sinn criomag dhen a sin bhuaipe.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 20 Sep 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 20 Sep 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Sep 2021 13:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal