Cleachdaidhean Obrach
Maighread Callan le cuid den bheartas cainnt a bha co-cheangailte ri cleachdaidhean obrach. Margaret Callan looks at the rich vocabulary used in crofting work in bygone days.
'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clà raidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gà idhlig!
Tha an taghadh aig an t-seinneadair Maighread Callan à Uibhist a Tuath a’ toirt sùil air cuid de na cleachdaidhean obrach a tha air a dhol à bith, agus air beartas a bhriathrachais agus meud an eòlais a bha an cois na h-obrach. Tha mòran fhaclan, abairtean agus sheanfhaclan co-cheangailte ri obair nan each, obair calanais, obair na mònadh agus obair à iteachais air a dhol air dìochuimhn’ air sgà th ’s gu bheil an t-eòlas seo a' crochadh air na cleachdaidhean obrach.
Gheibh sinn pìosan bho Dhòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnaill Iain Dhonnachaidh à Peighinn nan Aoireann ann an Uibhist a Deas mu uidheam an eich agus mu bhith dèanamh ròpan le gaoisid an eich; earrann air obair goibhneachd bho Dhòmhnall MacGillEathain, Dòmhnall a’ Ghobha à Cà irinis an Uibhist a Tuath agus criomagan mu bhith a’ dèanamh siaman fraoich agus à th-aoil le mòine aig Seonaidh Dòmhnallach, Seonaidh Dhotaidh, à Caolas Phaibil ann an Uibhist a Tuath.
Aig Flòraidh NicCuthais, Flòraidh Iain Fhionnlaigh Thormoid à Beà rnaraigh cluinnidh sinn ainmean pà irtean den chuidhle-shniomh; tha Dòmhnall MacDhùghaill, Dòmhnall Ailein MacDhùghaill, Dòmhnall Dhonnchaidh an Dùghlaich à Malacleit, ag innse mar a dh’fheumte aig amannan bhith a' leigeil fala bhon chrodh agus bho Chairistìona Peadarsan, Curstaidh Iain Fhionnlaigh Thormoid, gheibh sinn a-mach mun dòigh anns a robh a teaghlach fhèin a' dèanamh ola le grùthain nan cudaigean airson a losgadh anns a’ chrùisgean.
Agus airson crìochnachadh, tha Ruairidh Dòmhnallach, Ruairidh na Carnaich, à Uibhist a Tuath a' toirt dhuinn dà phort mu ghoibhneachd.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 27 Sep 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 27 Sep 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Oct 2021 13:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal