Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1159
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1159. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 6 Oct 2021
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 855
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1159
Duration: 05:00
Litir 1159: MacCodruim nan Ròn (1)
Sin sibh a-rithist. Tha mi a’ dol a dh’innse sgeulachd ainmeil dhuibh. Tha i à s na h-Eileanan an Iar. ʼS e an t-ainm a th’ oirre MacCodruim nan Ròn.Ìý
O chionn fhad an t-saoghail, bha iasgair anns na h-eileanan air an robh Niall MacCodruim mar ainm. Bha e a’ fuireach leis fhèin ann an taigh-croite eadar muir agus monadh. Bha an t-à ite sà mhach ach a-mhà in gun cluinneadh Niall gairm nan eun-sgadain agus sluaisreadh nan tonn air a’ mhol. Tha fhios gun robh e aig amannan aonaranach, gu h-à raidh air oidhcheannan fada geamhraidh.
Feasgar earraich a bha seo, bha na fir a’ toirt an eathraichean gu tìr. Bha cliabh là n sgadan aig a h-uile iasgair. B’ e Niall am fear mu dheireadh a tharraing a bhà ta suas am mol agus a chuir a chliabh air a ghualainn. Bha na fir eile air a dhol dhachaigh le ʼm mnathan. Ach cha robh bean aig Niall ann.
Bha e a’ smaoineachadh gun robh e leis fhèin air a’ chladach. Ach chuala e fuaim annasach. Bha e eadar-dhealaichte bho sgreadail nan eun. Chuala e a-rithist e. Bha e mar gà ireachdaich – boireannaich a’ gà ireachdaich.
Thug e a chliabh far a ghuailne agus dh’fhà g e air a’ mhol e. Chaidh e a dh’ionnsaigh an fhuaim eadar creagan mòra. Chaidh e am falach air cùl tè de na creagan. Agus chunnaic e rud a bha iongantach – seachdnar bhoireannach òga. Bha iad uile rùisgte agus bha falt fada aig a h-uile tè dhiubh. Bha an craiceann cho bà n ri eala air loch agus bha iad a’ dannsadh còmhla ann an cròileagan air a’ chladach.Ìý
An uair sin, chunnaic Niall rudeigin eile – meall de bhèin air creag faisg air na boireannach. Thuig e gur e maighdeannan-ròin a bh’ anns na boireannaich. Nuair a bha iad aig muir bha iad mar a bha ròin eile. Ach, nuair a thigeadh iad gu tìr, ʼs ann a chuireadh iad am bèin dhiubh. Bhiodh coltas boireannaich orra an uair sin.
Chrom Niall sìos a-nise agus shnà ig e a dh’ionnsaigh nam bian. Gu socair, sà mhach ghabh e grèim air a’ chiad bhian agus chuir e fo achlais e. Ge-tà , chunnaic tè de na boireannaich e. Thug i èigh. Sguir iad uile a dhannsa. Ruith iad chun na creige, thog iad am bèin agus dh’fhalbh iad gu muir mar gur e ròin a bh’ annta a-rithist.
Ach a-mhà in aon tè. Sheas i air beulaibh Nèill. Bha a craiceann a’ deà lradh mar neamhnaid ann an solas na gealaich. An robh cainnt aice? Bha – agus bha Gà idhlig aice! Shìn i a là mh a dh’ionnsaigh Nèill. Thuirt i, ‘An toir thu thugam mo bhian? Le do thoil – mo bhian-ròin.’
Dhiùlt Niall sin a dhèanamh. Ghabh e ceum a dh’ionnsaigh na maighdinn-ròin. ‘Thig cuide rium,’ thuirt e. ‘Bheir mi dhut aodach ùr a chuireas tu ort.’ Cha robh taghadh aice. Agus ghabh i ri cùmhnant Nèill.
Phòs iad air latha brèagha aig à m fàs na gealaich agus lìonadh na tìde-mhara. Thà inig a h-uile duine anns a’ bhaile, agus bha biadh is deoch gu leòr aca. Bha Niall MacCodruim cho sona ri bròg. Ach a bhean ùr – uill, bha ise sà mhach mar gun robh i ag èisteachd ri fuaim na mara seach ceòl na fìdhle... Tuilleadh dhen sgeulachd an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: cliabh là n sgadan: a creel full of herring; mol: shingle, shingly beach; mnathan: wives; fuaim annasach: a strange sound; sgreadail: screeching; gà ireachdaich: laughter, laughing; iongantach: amazing, surprising; seachdnar bhoireannach òga: seven young women; rùisgte: naked; maighdeann-ròin: selkie, seal-woman; èigh: a shout.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: às na h-Eileanan an Iar: from the Western Isles; o chionn fhad an t-saoghail: a long, long time ago; bha iasgair air an robh Niall MacCodruim mar ainm: there was a fisherman called Neil MacCodrum; a’ fuireach leis fhèin: living by himself; taigh-croite eadar muir agus monadh: a crofthouse between sea and hill; sà mhach ach a-mhà in gun cluinneadh Niall gairm nan eun-sgadain agus sluaisreadh nan tonn air a’ mhol: quiet, except that Neil could [would] hear the call of the common guillemots and the swish of the waves on the shingle beach; feasgar earraich a bha seo: one Spring evening; bha na fir a’ toirt an eathraichean gu tìr: the men were taking their boats onto the land; chaidh e am falach air cùl tè de na creagan: he hid behind one of the rocks; bha an craiceann cho bà n ri eala air loch: their skin was as white as a swan on a loch; a’ dannsadh còmhla ann an cròileagan air a’ chladach: dancing together in a circle on the shore; meall de bhèin: a pile of skins/pelts; ʼs ann a chuireadh iad am bèin dhiubh: they would take off their skins; chrom X sìos: X bent down; shnà ig e a dh’ionnsaigh nam bian: he crept towards the skins; chuir e fo achlais e: he put it under his arm; a’ deà lradh mar neamhnaid ann an solas na gealaich: shining like an oyster in the light of the moon; shìn i a là mh a dh’ionnsaigh: she stretched out her hand towards; an toir thu thugam?: will you give me?; phòs iad aig à m fàs na gealaich agus lìonadh na tìde-mhara: they married at the time of the waxing of the moon and a flowing/filling tide; cho sona ri bròg: really happy; ag èisteachd ri fuaim na mara seach ceòl na fìdhle: listening to the sound of the sea rather than fiddle music.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Thug e a chliabh far a ghuailne agus dh’fhà g e air a’ mhol e: he took the creel from his shoulder and he left it on the shingle. Far, despite its appearance, is a compound preposition and takes the genitive case. The genitive singular form of the feminine [in most dialects] noun gualann ‘shoulder’ is guailne.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Sin sibh a-rithist: Hello again [lit. ‘there you are again’].
Broadcasts
- Sun 3 Oct 2021 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 6 Oct 2021 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.