Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1158
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1158. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 29 Sep 2021
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 854
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1158
Duration: 05:00
Litir 1158: Sandaidh an Dannsair
Seo sgeulachd à Dùthaich MhicAoidh ann am fìor cheann a tuath na Gà idhealtachd. Bha fear Sandaidh Rothach à s Armadal, sear air a’ Bhlà ran Odhar. Bha e na iasgair. Bha e ag iasgach a-mach à Loch an Inbhir. Bha bean Shandaidh an dùil leanabh.Ìý
Chuir Sandaidh agus a bhrà thair-chèile, Seumas, romhpa coiseachd dhachaigh. Thug e beagan là ithean. Ghabh iad an rathad tro Shrath Nabhair. Bha iad ag amas air a dhol gu dannsa anns a’ Bhlà ran Odhar. An ath latha, bhiodh iad a’ coiseachd dhachaigh a dh’Armadal.
Bha Seumas sgìth. Chunnaic e tom a bha còmhdaichte le fraoch fada. Thuirt e gum biodh e math nan gabhadh iad fois an sin. Rà inig iad an tom agus laigh iad sìos. Bha an latha blà th.Ìý
Cha mhòr nach robh an dithis nan cadal nuair a chuala iad fuaim – ceòl dannsa. Thug iad sùil mun chuairt. Bha an ceòl a’ tighinn à s uamh bheag air cliathaich an tuim.Ìý
Chaidh Sandaidh agus Seumas a-null gu sà mhach agus thug iad sùil a-steach. Chunnaic iad solais gheala mar gun robh mìle coinneal lasaichte ann.
Bha Sandaidh gu math dèidheil air dannsa agus spòrs. Mus robh cothrom aig Seumas stad a chur air, a-steach leis, agus sìos tunail cumhang far an deach e à fianais. Dh’èigh Seumas air ach cha d’ fhuair e freagairt. Cha robh Seumas deònach a dhol a-steach ann. Lean e air a thuras. Rà inig e am Blà ran Odhar aig ciaradh an fheasgair.
Dh’aithris Seumas na thachair ach cha do chreid duine e. An dèidh seachdain, nuair nach do nochd Sandaidh, bha daoine dhen bheachd gun robh Seumas air a mhurt.
Chaidh daoine a choimhead air an uaimh. Cha deach e fada a-steach don tom idir. Cha robh sgeul air ceòl no dannsa. Chaidh latha is bliadhna a thoirt do Sheumas airson dearbhadh gun robh e neoichiontach.Ìý
Thill Seumas don uaimh agus thog e bothan aig a beul. Tro mhìosan an fhoghair ʼs a’ gheamhraidh, cha mhòr gun do ghluais e bhon à ite sin.
Thà inig an t-earrach agus an samhradh. An uair sin bha an ìre mhath bliadhna air a dhol seachad bhon a dh’fhalbh Sandaidh. Cha robh ach aon latha air fhà gail aig Seumas airson a neoichiontachd a dhearbhadh.Ìý
Nuair a dh’èirich a’ ghrian, chuala Seumas fuaim. Ceòl dannsa a bh’ ann! Dh’èirich e bho a leabaidh agus ruith e a-steach don uaimh. Chunnaic e solais agus chuala e gà ireachdaich. Dh’èigh e air Sandaidh ach cha do nochd Sandaidh.
Chaidh ùine seachad. An uair sin, mun à m dhen fheasgar a bha Sandaidh air a dhol à fianais bliadhna roimhe, nochd e. ‘Dè a’ chabhag a th’ ort?’ thuirt e ri Seumas. ‘Bha mi ag iarraidh crìoch a chur air an ruidhle!’
Nuair a dh’inns Seumas dha gun robh e air a bhith sìos an tunail airson bliadhna, cha do rinn Sandaidh ach gà ire. ʼS ann nuair a rà inig e Armadal a dh’ionnsaich e gun robh an fhìrinn aig Seumas. Bha Sandaidh na athair aig gille a bha faisg air bliadhna a dh’aois!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Dùthaich MhicAoidh: far north Sutherland ‘Mackay Country’; Sandaidh Rothach: Sandy Munro; Loch an Inbhir: Lochinver; Srath Nabhair: Strathnaver; ciaradh an fheasgair: dusk.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: fìor cheann a tuath na Gà idhealtachd: the far north of the Highlands; Armadal, sear air a’ Bhlà ran Odhar: Armadale, east of Bettyhill; bha e na iasgair: he was a fisherman; bha bean Shandaidh an dùil leanabh: Sandy’s wife was expecting a baby; chuir Sandaidh agus a bhrà thair-chèile, Seumas, romhpa coiseachd dhachaigh: Sandy and his brother-in-law, Jamie, decided to walk home; ag amas air a dhol gu dannsa: intending to go to a dance; tom a bha còmhdaichte le fraoch fada: a knoll that was covered with long heather; thug iad sùil mun chuairt: they looked around; uamh bheag air cliathaich an tuim: a small cave on the side of the knoll; solais gheala mar gun robh mìle coinneal lasaichte ann: white lights as if there were a thousand lit candles; dèidheil air dannsa agus spòrs: keen on dancing and having fun; mus robh cothrom aig Seumas stad a chur air, a-steach leis: before Jamie had an opportunity to stop him, in he went; sìos tunail cumhang far an deach e à fianais: down a narrow tunnel where he disappeared; lean e air a thuras: he continued on his journey; cha do chreid duine e: nobody believed him; dhen bheachd gun robh Seumas air a mhurt: of the opinion that Jamie had murdered him; thog e bothan aig a beul: he built a bothy at its mouth; mìosan an fhoghair ʼs a’ gheamhraidh: the months of autumn and winter; chuala e gà ireachdaich: he heard laughter; dè a’ chabhag a th’ ort?: what’s your hurry?; bha X na athair aig gille a bha faisg air bliadhna a dh’aois: X was the father of a lad who was nearly a year old.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Cha mhòr nach robh an dithis nan cadal: the two [men] were almost asleep. Cha mhòr nach translates as ‘almost’. Cha mhòr nach eil mi deiseil ‘I’m almost ready’; cha mhòr nach eil i cho à rd riut fhèin ‘she’s almost as tall as you’. However, cha mhòr gu(n) translates as ‘hardly’ – cha mhòr gun do ghluais e ‘he hardly moved’. Cha mhòr gun robh comas labhairt aige ‘he could hardly speak’.Ìý
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Cha robh ach aon latha air fhà gail aig Seumas airson a neoichiontachd a dhearbhadh: Jamie had only one day left to prove his innocence.
Broadcasts
- Sun 26 Sep 2021 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Sep 2021 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.