Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Uilleam MacMhathain 2/2

2/2 Jo NicDhòmhnaill le iomradh air beatha 's saidhbhreas òrain an Urr Uilleam MacMhathain. Jo MacDonald considers the life and vast song repertoire of Rev Willie Matheson.

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

'S e an t-Urr Uilleam MacMhathain agus an dìleab phrìseil a dh'fhàg e againn de dh'òrain, agus de dh'fhiosrachadh mun deidhinn, a th' aig Jo NicDhòmhnaill mar chuspair a seo.

An dèidh cùl a chur ri teagasg mar dhòigh air cosnadh a dhèanamh, thòisich Uilleam MacMhathain a’ smaoineachadh gum b’ urrainn dha taic a chur ri obair eaglais. Ann an 1938 thòisich e ann an New College ann an Dùn Èideann, a’ trèanadh airson a bhith na mhinisteir ann an Eaglais na h-Alba. Ach cha do lughdaich ùidh ann am beul-aithris ann an dòigh sam bith.

Tha artaigeilean agus òraidean a rinn e do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis mu theaghlaichean Uibhist a Tuath, Saothair nam Bàrd Uibhisteach, Coinneach Odhar, Clann ’ic Leòid Leòdhais is iomadh cuspair eile, fhathast nan goireas air leth dha sgoilearan agus dha daoine aig a bheil ùidh ann an eachdraidh agus dualchas.

An ann 1952 chaidh cuireadh a thoirt dha cuir a-steach airson obair mar òraidiche ann an Ceilteis ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Rinn e sin agus thàinig e dhan Roinn Ceiltis nuair a bha an t-Ollamh Coinneach Jackson os a chionn.

A seo cluinnidh sinn, am measg òrain eile, Air fàil ill ò rò ‘s Mo Mhairi Bhàn, Mo rùn air na Maraichean, Iain Ghlinn Cuaich agus Gobha Cille Bhagastair.

30 minutes

Last on

Sun 17 Oct 2021 13:00

An t-Urr Uilleam MacMhathain

An t-Urr Uilleam MacMhathain
Dealbh bho thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba. Picture courtesy of School of Scottish Studies Archives.

Broadcasts

  • Mon 11 Oct 2021 12:00
  • Tue 12 Oct 2021 00:00
  • Sun 17 Oct 2021 13:00