Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh

Seirbheis còmhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois. Gaelic service with Rev Alasdair MacAulay, Tain & Fern Free Church.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Stroudwater agus ‘s e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seirbheis le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire.
Salm 69: 35-36 air fonn Montrose agus ‘s e Dòmhnall Chapman a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.
Salm 89: 15-16 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a’ Bhac.

Leughadh: Lùcas 19: 1-10
Ceann-teagaisg: Lùcas 19:3

Thàinig atharrachadh spioradail ann am beatha Alasdair nuair a bha e dà bhliadhna thar fhichead. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd, chuir e dà bhliadhna seachad ann an gnìomhachas na h-ola agus sia bliadhna deug na fhear-naidheachd aig a' BhBC ag obair ann an Inbhir Nis agus mu dheireadh ann an Steòrnabhagh.

Tha e pòsta aig Màiri, a bhuineas do sgìre Nis agus tha iad le chèile air an cumail trang leis an teaghlach, Cairistiona, Lùc, Emma, Kate agus na h-oghaichean Demi is Theo. Bha Alasdair agus Màiri le chèile an sàs ann an obair am measg òigridh Nis airson grunn bhliadhnachan mus do ghluais an teaghlach a Dhùn Èideann fhad 's a bha Alasdair a' frithealadh Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Anns an Ògmhios 2012 fhuair e cead-searmonachaidh agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois san Lùnastal a bhliadhna sin.

30 minutes

Last on

Sun 21 Nov 2021 15:00

Broadcasts

  • Sun 21 Nov 2021 09:00
  • Sun 21 Nov 2021 15:00