Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Dòmhnall Iain Moireasdan

Còmhla ris an Urr Dòmhnall I Moireasdan, ministear-cuideachaidh aig Eaglais na h-Alba. Service conducted by Rev Donald J Morrison, assistant minister Church of Scotland, Tarbert.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 139: 1-2 air fonn London New agus ‘s e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart sna Hearadh.

Salm 45: 13-14 air fonn Bedford agus ‘s e Murchadh Ceanadach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a’ Bhac.

Salm 31: 23-24 air fonn Montrose agus ‘s e Dòmhnall Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Leughadh: Marcas 14: 1-11
Ceann-teagaisg: Marcas 14

Tha Mgr Moireasdan a' fuireach ann an Caolas Sgalpaigh anns na Hearadh, agus tha e air a bhith na mhinistear-cuideachaidh ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart bho 2001. Thug e a-mach an dreuchd sin an dèidh dha a dhreuchd mar mhaighstir-sgoile a leigeil dheth ann an 1996, a' chuid mhòr dheth mar cheannard air Sgoil Sgalpaigh. Ged a tha e air dreuchd na ministrealachd a-nis a leigeil dheth gu h-oifigeach, bidh e fhathast a' gabhail sheirbheisean ann an coitheanal an Tairbeart agus ann an àite sam bith far a bheilear a' cur feum air.

30 minutes

Last on

Sun 3 Jul 2022 15:00

Broadcasts

  • Sun 28 Nov 2021 09:00
  • Sun 28 Nov 2021 15:00
  • Sun 3 Jul 2022 09:00
  • Sun 3 Jul 2022 15:00